Dragh mu ghnothachasan an Loch Abar

Tha còrr air mios a-nis bho stad seirbheis do charbadan thar Chaolas a' Chorrain
- Air fhoillseachadh
Tha dragh ann gu bheil gnothachasan ann an Loch Abar Iochdaireach ann an cunnart a dhol fodha ri linn trioblaidean leantainneach le Aiseag a' Chorrain.
Cha robh seirbheis do charbadan air an t-slighe airson còrr air mìos a-niste, agus an dà shoitheach a bha Comhairle na Gàidhealtachd a' ruith, briste.
Beachdaichidh comhairlichean Diardaoin air cur airson suas ri £50m de mhaoineachadh bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson bàt-aiseig ùr dealain a cheannachd airson na seirbheis.
"Tha seo air buaidh sgriosail a thoirt air gnothachasan ionadail," thuirt Iar-Chathraiche Comhairle Coimhearsnachd Àird Ghobhair, an Dr Mìcheal Foxley, a bha uair na Cheannard air Comhairle na Gàidhealtachd.
"Tha tionndadh airgid ghnothachasan sìos, 50%, 75% - cuid aca fiù 's 100% - agus tha daoine a' call eadar £2,000 agus £5,000 san t-seachdain.
"Feumaidh na gnothachasan seo cobhair le cabhaig mus tèid iad fodha. Tha e cho èiseil sin.
"Cobhair leithid ticeadan an-asgaidh air an aiseag airson ùine san àm ri teachd, faothachadh reataichean air togalaichean coimearsalta, faothachadh cìs na Comhairle.
"Feumaidh sinn rudeigin a chur air ais dha na gnothachasan agus coimhearsnachdan ionadail airson an call a tha a' tighinn orra a lùghdachadh.
"Bhruidhinn cuideigin riumsa an-dè, aig a bheil taigh-òsta, air an tàinig call £30,000, 's iad ro-tharraingte aig a' bhanca bho thòisich seo, 's iad gu math faisg air a bhith banc-briste," thuirt e.