Comhairle na Gàidhealtachd: Tha 24,000 taighean ùra a dhith san ath dheich bliadhna

Taighean san Aghaidh MhòirTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum feum an sgìre 24,000 taighean a bharrachd thairis air an ath deich bliadhna.

Tha taighean ùra a dhìth airson coinneachadh ris an iarrtas a th' ann airson dachaigh air prìs reusanta.

Tha a-nis cruaidh fheum ann àitichean-còmhnaidh gu leòr a bhith ann agus dùil gun tèid 8,400 obraichean a chruthachadh ann an Saor-phort Uaine ùr Inbhir Nis agus Chromba.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail gun toireadh e còrr air 20 bliadhna na tha a dhith de thaighean a thogail, agus gum feumar £2.8b a bharrachd airson cabhag a chur sa phrògram togail aca.

Tùs an deilbh, Maree NicNeacail
Fo-thiotal an deilbh,

Feumar taigheadas dha na mìltean dhaoine a tha duil a gheibh obair le Saor-phort Inbhir Nis agus Linne Chromba

Coltach ri ùghdarrasan ionadail eile ann an Alba tha Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith a' bruidhinn mu na duilgheadasan taigheadais a th' aca.

Ghairm Riaghaltas na h-Alba sa Chèitean gun robh suidheachadh èiginn gu nàiseanta ann le dìth taigheadais.

Tha comhairlichean Gàidhealach air aontachadh gum bu chòir plana-gnìomha a chruthachadh ro dheireadh na bliadhna seo.

Chunnaic iad aithisg le molaidhean airson targaid deich bliadhna a choileanadh.

Thuirt an aithisg: "Gabhaidh an àireamh seo de thaighean a thogail ann an 10 bliadhna le bhith a' coileanadh sreath de dh'amasan ro-innleachdail."

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air mu 500 dachaigh air prìs reusanta a thogail a h-uile bliadhna airson na 10 bliadhna a dh'fhalbh.

Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Thog Comhairle na Gàidhealtachd 500 taighean air prìs reusanta sna 10 bliadhna a chaidh seachad

Tha grunn mholaidhean aig oifigich air mar a ghabhas airgead a thogail.

Nam measg, 's e a bhith a' cur às do dh'fhiachan taigheadais na comhairle luach £365m airson airgead a shaoradh airson barrachd thaighean a thogail.

Sa Chèitean sgrìobh Comhairle na Gàidhealtachd gu Rùnaire an Levelling Up, an Taigheadais agus nan Coimhearsnachdan, Mìchael Gove, a' sireadh coinneimh feuch am biodh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte deònach cur às do chuid de na fiachain aca.

Chuir iad an aon iarrtas ann an litir gu Leas-cheannard nan Làbarach, Angela Raynor.