Maill air oidhirp 20 oileanach Afganach a chuideachadh

Linda Norgrove ann an Afganistan
Fo-thiotal an deilbh,

'S e Bunait Linda Norgrove a tha air cùlaibh nan oidhirpean.

  • Air fhoillseachadh

Tha Bunait Linda Norgrove ag ràdh gu bheil maill a' dol air na h-oidhirpean aca fichead oileanach meidigeach Afganach a thoirt a Bhreatainn gus na ceumanan aca a chrìochnachadh.

Tha a' Bhunait air taic iarraidh bho na riaghaltasan ann an Lunainn is Dùn Èideann.

Chaidh Bunait Linda Norgrove a stèidheachadh mar chuimhneachan air Linda, a Leòdhas, a chaidh a marbhadh ann an Afghanistan ann an 2010.

Tha a' Bhunait air a bhith a' feuchainn ri fichead boireannach Afghanach a thoirt dhan Rìoghachd Aonaichte bhon a dh'innis còig sgoiltean meidigeach an-uiridh gum biodh àitichean aca dhaibh gus na ceumanan aca a chrìochnachadh.

Thuirt a' Bhunait gun deach innse dhaibh gum biodh slighe ann dha na boireannach tro sgeama taice do shìobhaltaich Afghanach bhon Fhaoilleach.

Ach thuirt iad gun deach sin atharrachadh chun an Lùnastail, 's a-nise nach eil guth idir air cuin a dh'fhosgaileas e.

Thuirt athair Linda, John Norgrove, gu bheil maill a' dol air na h-oidhirpean aca, is dh'iarr e taic bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba.

"Bha na h-oileanaich seo ag ullachadh airson a bhith ag obair mar dhotairean ach a-nis 's e beatha gu math dùinte a tha air fàire dhaibh, dìreach a' glanadh, a' cocaireachd agus a' coimhead às dèidh chloinne," thuirt e.

"Chan eil e ceadaichte dhaibh bhith fàgail an cuid dhachaighean às aonais fireannach.

"Tha cuid den bheachd gu bheil iad ann an cunnart am beatha, cuid eile gus a bhith air an toirt seachad airson pòsadh gun deòin.

"Tha iad ann an suidheachadh uabhasach agus tha cruaidh fheum aca air taic bhuainn."

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim aig Riaghaltas na h-Alba, Jenny Gilruth, gun robh iad a sireadh soilleireachaidh san aithghearrachd bho Oifis na Dùthcha.

Thuirt Riaghaltas Westminster gun robh e na phrìomhachas dhaibh comraich a thoirt do dhaoine Afghanach a bh' air cead fhaighinn sin a dheanamh.