Ionad-leigheis nàiseanta Inbhir Nis "a' cuideachadh" ach tha barrachd a dhìth

Tèatar-lannsa
  • Air fhoillseachadh

Tha còrr air 10,000 duine air liosta a' feitheamh obair-lannsa air an cruachain ann an Alba.

Cha robh ach 3,000 air an aon liosta ann an 2019.

Chaidh an àireamh fhaighinn tro iarrtas Achd Saorsa an Fhiosrachaidh bhon bhuidhinn bheachdachaidh, Ath-Leasachadh na h-Alba.

Thuirt iad, ged a tha an ùine a tha daoine a' feitheamh air liostaichean airson leigheas fada, nach eil iad air an liosta ach nuair a thèid co-dhùnadh a ghabhail obair-lannsa a dhèanamh.

Faodaidh iad a bhith a' feitheamh gu math nas fhaide na sin.

Tha 11 bhòrd-slàinte air co-dhiù dùblachadh fhaicinn air an ùine feithimh san fharsaingeachd acasan.

Chaidh ionad-leigheis nàiseanta fhosgladh ann an Inbhir Nis airson an suidheachadh a chuideachadh

Thuirt cathraiche BMA na h-Alba, an Dr Iain Ceannadach, gu bheil piseach ann ach gu bheil feum air gnìomh a bharrachd gus an fheadhainn ann am barrachd èiginn a chuideachadh.

"Tha fhios againn gu bheil an t-ionad-leigheis nàiseanta a th' air fosgladh air Ghàidhealtachd a' cuideachadh leis na h-àireamhan, ach tha e gun teagamh a' taghadh nan èuslainteach as òige, as fhalainne," thuirt e.

"'S e an fheadhainn as sine, nas laige 's nas toinnte as fhaide a tha a' feitheamh ann am pian.

"'S e iadsan as motha a tha a' cur feum air obair-lannsa as fhaide a tha a' feitheamh.

"Chan urrainn gu bheil sin ceart.

"Feumaidh sinn airgead a chur mu choinneimh leapannan ospadail a bharrachd, agus mu choinneimh tèatairean lannsa agus luchd-obrach lannsa.

"Feumaidh sinn an NHS a dhèanamh gu math nas tarraingiche mar fhastaiche gus an tàl sinn an luchd-obrach a tha a dhìth oirnn airson na liostaichean feitheimh seo a lùghdachadh ceart," thuirt e.

Tha fiosrachadh a' sealltainn gu bheil 45,000 air liosta feitheamh lannsa-cnàimhe san fharsaingeachdann an Alba.