Rachel Reeves gus am Buidseat fhoillseachadh

Rachel ReevesTùs an deilbh, Roinn an Ionmhais
  • Air fhoillseachadh

Bidh an Seansalair, Rachel Reeves, a' foillseachadh a' chiad bhuidseit aice ann an Taigh nan Cumantan feasgar.

'S i a' chiad bhoireannach ann an eachdraidh Westminster a nì seo.

Tha i air a ràdh tric is minig bho bhuannaich na Làbaraich an taghadh as t-samhradh gum bi co-dhùnaidhean doirbhe ann, le dùil ri gearraidhean suas ri £40bn agus àrdachadh chìsean.

Gheall i cuideachd ge-tà, gum bi am Buidseat a' toirt fàs air an eaconomaidh agus a' cur airgid a bharrachd ann am pòcaidean dhaoine.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha dùil gun tèid VAT air cìsean nan sgoiltean prìobhaideach, rud a tha air dragh a chur air cuid. Chuala Aithris na Maidne bho Mark Wringe, a bha aig sgoil phrìobhaideach agus a tha a' cur taic ris a' bheachd.

Bruidhnidh Rachel Reeves anns na Cumantan bho 12:30f, às dèidh Cheistean a' Phrìomhaire aig 12:00f.

Thèid a chraoladh beò air iPlayer is làrach-lìn a' BhBC.

Às dèidh dhan t-Seansalair bruidhinn, bidh òraid bho cheannard nan dùbhlanach, Rishi Sunak.

Tha dùil gur e seo an òraid mu dheireadh a nì esan bho na beingean-aghaidh.

Thig beachd cuideachd bho Oifis airson Uallach a' Bhuidseit le measadh air buaidh a' bhuidseit air an eaconomaidh.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Beachd bho Dhàibhidh Eyre bho Chaidreachas na Bochdainn.

Cluinnidh Riaghaltas na h-Alba dè an t-suim airgid ris am bu chòir dùil a bhith aca 'son 2025-26.

Thig an uairsin òraid buidseit bho Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Shona Robison, air a' 4mh den Dùbhlachd.

Feumaidh ise taic fhaighinn bho phàrtaidh eile ro dheireadh a' Ghearrain gus am buidseat a chur troimhe, air neo dh'fhaodadh taghadh tràth a bhith ann.

Bidh beachdan air buaidh a' bhuidseit air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan againn air BBC Naidheachdan mar a thig iad a-steach.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Beachd Faye NicLeòid, a tha na neach-cunntasachd san Eilean Sgitheanach.