"Leudachadh mòr" a' tighinn air seirbheisean Parkinson's aig tuath

CùramTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thig leudachadh mòr air cuid de sheirbheisean dha daoine le Parkinson's ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd is banaltram sònraichte a bharrachd gu bhith ann.

Chan eil ach aon bhanaltram Parkinson's ann an-dràsta san sgìre eadar Gallaibh is an Gearasdan, agus tha Parkinson's UK an dòchas gun toir seo piseach mòr air an t-suidheachadh.

"Tha e uabhasach cudromach ann an iomadh seagh, ach gu sònraichte a thaobh na taice a bharrachd a tha a' dol a bhith ann do dhaoine ann an ceann a tuath Alba a tha beò le Parkinson's," thuirt Iain Stephen Moireasdan bhon bhuidhinn.

"Tha aon bhanaltram air a bith a' frithealadh na sgìre sin o chionn glè fhaisg air 30 bliadhna a-niste, agus tha timcheall air 600 neach ann an taobh a tuath na Gàidhealtachd a tha Parkinson's orra.

"Thathar a' moladh gur e mu 300 a tha mu choinneimh gach banaltraim.

"Mar sin, leis an dreuchd ùir a tha seo, tha an àireamh de bhanaltraman a' dol a bhith a rèir nan daoine a tha a' fuireach leis an tinneas a tha seo, agus mar sin tha sinn an dùil gum faigh iad cùram nas fheàrr.

"Far a bheil, can, daoine a' fuireach ann an sgìre a tha caran dùthchail, thathar a' moladh gu bheil àireamh fiù 's nas lugha mu choinneimh gach banaltraim.

"Mar a thuigeas daoine, tha a' Ghàidhealtachd, 's e sgìre mhòr a th' ann, gu math farsainn agus uabhasach dùthchail.

"Ged a tha sin a' ciallachadh 's dòcha gum bu chòir barrachd taice a bhith ann, le dà bhanaltram 's e adhartas mòr mòr a tha sin. Dùblachadh dha-rìribh anns an ìre taice a th' air a bhith ann," thuirt e.

Iomairt Coimhearsnachd

Thàinig an naidheachd an dèidh iomairt a rinneadh an dèidh don tè a th' air a bhith ag obair mar bhanaltram Parkinson's air Ghàidhealtachd innse bho chionn beagan bhliadhnaichean gun robh i a' leigeil dhith a dreuchd deireadh na bliadhna seo fhèin.

"Aig toiseach gnothaich tha mi a' smaointinn bha dìreach iomagain air daoine gun deadh banaltram ùr fhastadh," thuirt Mgr Moireasdan.

"Ach mar a ghluais cùisean 's mar a dh'fhàs tuigse gun robh feum air co-dhiù dithis thàinig iomairt ri chèile, agus bha sin gu mòr - ged a thaicich sinn iad mar charthannas - bha e gu mòr an urra ri daoine a bha a' fuireach anns an àite.

"Rinn iad an t-uabhas obrach, a' cruinneachadh sgeulachdan bho dhaoine mun luach a bha iad a' cur air a' bhanaltram aca, bha iad a' bruidhinn ri luchd-poileataigs, bha iad a' coinneachadh ri Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd.

"Gu h-ìre mhòir, tha an fhìor dheagh naidheachd a tha seo, tha na daoine san sgìre fhèin, 's iad a tha le taing fhaighinn gu bheil e air tighinn gu buil."