Dealbhan gan iarraidh an dèidh ionnsaigh teine

Na h-aonadan gnothachais
Fo-thiotal an deilbh,

Bha ceithir gnothachasan stèidhichte sna h-aonadan a chaidh a sgrios

  • Air fhoillseachadh

Dh'iarr na Poilis dealbhan CCTV agus dashcam de chàr a chaidh a chleachdadh ann an ionnsaigh teine air bùithdean an Inbhir Nis.

Thuirt oifigearan gun deach Skoda Octavia dorcha-ghlas a dhràibheadh a dh'aona-ghnothaich a-steach dha na h-aonadan gnothachais aig Pàirce Fairways 's a chur na theine goirid ro 12:00m oidhche Shathairne.

Chunnacas fireannach le aodach dorcha agus balaclàbha air a' teicheadh on làraich an dèidh sin.

Chaidh na h-aonadan, san robh ceithir gnothachasan stèidhichte, a sgrios.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm mu mheadhan oidhche Disathairne

Thuirt na Poilis gu bheil iad ag iarraidh dealbhan sam bith a chaidh a chlàradh air Slighe Sir Walter Scott, agus bho Druid Temple a tha faisg air na h-aonadan gnothachais.

A rèir an Det Insp Caroline NicAoidh, dh'fhaodadh gun deach an càr a chlàradh air CCTV agus dashcam eadar 23:30f agus meadhan-oidhche.

"Dh'fhaodadh gu bheil ìomhaighean ann a bhiodh deatamach dhan rannsachadh againn," thuirt i.

"Ma chunnaic sibh càil, no duine sam bith, a bha ri gnothach amharasach, nach cuiribh fios oirnn?"