Rabhadh mu mhaill tron oidhche air an A9 san Iuchar

Mairidh an siostam conbhoidh air an oidhche còig seachdainean, bhon t-7mh là den Iuchar
- Air fhoillseachadh
Thèid solais-thrafaig agus siostam conbhoidh a chur an sàs tron oidhche air earrann den A9 an ath-mhìos agus obair-leasachaidh luach £185m a' leantainn.
Tha sia mìle de rathad ùr dhùbailte ga thogail eadar a' Mhòigh agus an Tom Aitinn, deas air Inbhir Nis.
Mairidh an siostam conbhoidh còig seachdainean, a' tòiseachadh air an t-7mh là den Iuchar, air an earrann tuath air drochaid rèile na Mòighe.
Tòisichidh an siostam aig 7:30f, 's bidh e an sàs gu 06:00m, gus dèanamh cinnteach gum bi buaidh na h-obrach cho beag 's a ghabhas.
Far am bi na solais ann rè ùine, bithear ag ath-thaobhachadh agus a' leudachadh an rathaid.
Thuirt Còmhdhail Alba gum bu chòir do dhràibhearan a bhith air am faiceall 's iad a' teannadh air an earrann sin den A9, agus ùine a bharrachd a thoirt dhaibh fhèin fhad 's a leanas an obair.
Thuirt iad cuideachd gur ann a rèir na h-aimsire a bhiodh an siostam, 's gum faodadh e atharrachadh.