Deasbad às ùr mu Ùghdarras Eileanach Singilte do na h-Eileanan an Iar

- Air fhoillseachadh
Tha cuid de chomhairlichean sna h-Eileanan an Iar air iarraidh uair eile gun tèid Ùghdarras Eileanach Singilte (SIA) a stèidheachadh a bhiodh an urra ri seirbheisean poblach san sgìre.
Bhiodh e a' toirt ri chèile Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd-Slàinte NHS nan Eilean Siar agus Buidheann Taigheadais Innse Gall mar aon bhuidhinn.
Bha deasbad às ùr mun mholadh aig coinneimh de Chomataidh a' Phoileasaidh agus an Stòrais aig a' Chomhairle a thug taic do phlana gus dèiligeadh ri beàrn buidseit £26.5m a dh'fhaodadh a bhith ann ro 2030.
Dh'aontaich Comhairle Arcaibh an t-seachdain a chaidh gun dèanadh iad sgrùdadh air mar a dh'fhaodadh seirbheisean poblach a bhith air an toirt seachad le ùghdarras singilte.
Am beachd a' Chomh. Aonghas MacCarmaig tha suidheachadh ionmhais na Comhairle "gu math dùbhlanach".
Thuirt e gur dòcha gur e an roghainn a b' fheàrr dhan Chomhairle a bhith a' gabhail ri SIA ach thuirt e gum biodh barrachd maoineachaidh bho Riaghaltas na h-Alba a dhìth mus dèanadh iad sin.
"Daonnan cunnart an cois atharrachaidh"
Nochd comhairliche eile, Norrie Dòmhnallach, dragh gum faod inbhe SIA ciallachadh gun cailleadh iad maoineachadh riaghaltais agus "gum biodh am buidseat a gheibheadh na h-Eileanan an Iar nas lugha na na buidseatan uile a th' ann an-dràsta".
Dh'innis an t-Àrd-oifigear Malcolm Burr dhan chomataidh gum faod gearraidhean a bhith ann thar ùine ceart gu lèor nuair a tha buidhnean gan cur còmhla agus an obair nas èifeachdaiche.
"Ge-tà, 's e an duilgheadas as motha leis an t-siostam a th' ann nuair a tha sinn uile a' sireadh maoineachadh fa leth airson slàinte, taigheadas, riaghaltas ionadail - agus mura bi gu leòr maoineachaidh ann tha e a' fàgail gum feum gach buidheann sàbhalaidhean agus gearraidhean a dhèanamh iad fhèin."
Thuirt e: "Tha daonnan cunnart an cois atharrachaidh."
Nochd iarrtas bho Mhgr Burr agus cuid eile airson Ùghdarras Singilte Eileanach nuair a bhathar a' comharrachadh 50 bliadhna as t-Earrach bho stèidhicheadh Comhairle nan Eilean Siar.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba aig an àm gum foillsicheadh iad planaichean 'son SIA sna h-Eileanan an Iar cho math ri modailean 'son Earra-Ghàidheal is Bhòid agus 'son Arcaibh ro dheireadh na Pàrlamaid seo.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh11 An Dàmhair 2024