Fear an grèim an dèidh mar a chaidh dithis a leòn ann an droch ionnsaigh

Slighe Craigton Tùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh oifigearan a ghairm gu Slighe Craigton feasgar na Sàbaid

  • Air fhoillseachadh

Chuir na poilis fear, 30, an grèim an dèidh droch ionnsaigh ann an Inbhir Nis Didòmhnaich.

Chaidh oifigearan a ghairm gu Slighe Craigton ann am Marc Innis mu 7:30f an dèidh dhaibh aithrisean fhaighinn gun robh dithis air an goirteachadh ann an taigh.

Chaidh boireannach agus fireannnach a thoirt a dh'Ospadal an Rathaig Mhòir le droch lotan.

Thuirt oifigearan nach eil iad a' coimhead airson duine sam bith eile an co-cheangal ris a' chùis.