Co-chomhairleachadh mu sgìrean-sgoile an Uibhist a Deas

- Air fhoillseachadh
Nì Comhairle nan Eilean Siar co-chomhairleachadh mar phàirt de dh'ath-sgrùdadh air sgìrean-sgoil Sgoil Dhalabroig agus Sgoil an Ìochdair.
Dh'aontaich an t-ùghdarras ionadail a' chiad phàirt de cho-chomhairleachadh neo-fhoirmeil a thòiseachadh às dèidh dhaibh iarrtasan fhaighinn ath-sgrùdadh a dhèanamh air crìochan nan sgìrean-sgoil eadar an dà sgoil.
Bidh coinneamhan tadhail (drop-in meetings) aig an dà sgoil eadar an 11mh is an 13mh dhen Ghearran.
Bidh suirbhidh air loidhne fosgailte airson 30 là (eadar 4mh dhen Ghearran agus 28mh dhen Mhàrt).
Sgoil Dhalabroig:
Seisean tadhail - 11mh dhen Ghearran, 2-4f
Coinneamh neo-fhoirmeil - 11mh dhen Ghearran, 6f
Sgoil an Ìochdair:
Seisean tadhail - 13mh dhen Ghearran, 2-4f
Coinneamh neo-fhoirmeil - 13mh dhen Ghearran, 6f
Nuair a bhios a' cho-chomhairleachadh neo-fhoirmeil seachad, thèid na toraidhean bho na seiseanan tadhail agus an t-suirbhidh air loidhne a chur ann an aithisg.
Thèid an aithisg a thoirt do Chomataidh an Fhoghlaim, na Spòrs agus nan Seirbheisean Cloinne anns a' Ghiblean 2025 agus thig a' chomhairle gu co-dhùnadh an uair sin dè an ath-cheum.
Tha barrachd fiosrachaidh mun cho-chomhairleachadh agus mapa dhe na sgìrean-sgoile air làrach-lìn, taobh a-muigh an ùghdarrais ionadail.