Taic airson Talla Seann Mhuileann Bhaile Mac Ara a ghlèidheadh

Talla Seann Mhuileann Bhaile Mac Ara mar a tha e Tùs an deilbh, URRAS COIMHEARSNACHD BHAILE MAC ARA
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Urras Coimhearsnachd Bhaile Mac Ara airson an seann togalach a dhèanamh na ghoireas do mhuinntir an àite

  • Air fhoillseachadh

Chaidh £540,000 a thoirt don iomairt Talla an t-Seann Mhuilinn ann am Baile Mac Ara ùrachadh a chùm maith na coimhearsnachd ann an Loch Aillse.

Tha e air fear de 11 pròiseactan an Alba a fhuair maoineachadh luach £5m bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson togalaichean a leasachadh agus a ghlèidheadh.

'S e amas Stòras na Seilbhe Coimhearsnachd gun tèid an taic-airgid dha na sgìrean as motha a tha feumach oirre airson goireasan a chruthachadh far an tig an luchd-còmhnaidh cruinn.

Tha Taigh Ulbha ann am Muile air còrr is £200,000 fhaighinn airson a chàradh gus àiteachan-còmhnaidh agus oifisean a dhèanamh dhan choimhearsnachd.

Uile gu lèir chaidh £36m a thoirt do 85 pròiseactan air feadh na Rìoghachd aonaichte.

Tùs an deilbh, URRAS COIMHEARSNACHD BHAILE MAC ARA