"Gealltanas a dhìth" mu ospadal ùr Bharraigh

Ro-dhealbh de dh'ospadal ùr BharraighTùs an deilbh, Comhairle nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh ospadal ùr Bharraigh a ghealltainn ann an 2008

  • Air fhoillseachadh

Tha muinntir Bharraigh 's Bhatarsaigh far an dòigh an dèidh do Rùnaire na Slàinte innse nach eil airgead gu leòr ann airson ospadail ùir mar phàirt de hub coimhearsnachd ann am am Bàgh a' Chaisteil.

Tha sin a dh'aindeoin 's gun do gheall Nicola Sturgeon ann an 2008, nuair a bha i fhèin na Rùnaire Slàinte, gum biodh ospadal ùr am measg nan goireasan eile an sin.

Tha fear de chomhairlichean Bharraigh 's Bhatarsaigh, Iain MacNèill, ag ràdh gum feum Riaghaltas na h-Alba cumail ris na gheall iad.

"Tha iad a' faireachdainn gu math feargach mun ghnothach," thuirt e.

"Tha feadhainn ann a dh'fheumas seirbheisean slàinte 's tha daoine a' fàs sean nach eil cinnt aca dè na seirbheisean a tha iad a' dol a bhith a' faighinn 's cuin a gheibh iad iad.

"Tha gnothaichean gu math duilich mar a tha iad an-dràsta, agus feumaidh sinn faighinn a-mach dè tha a' dol a thachairt, is gealltanas fhaighinn bhon Riaghaltas agus o Bhòrd na Slàinte cuin a tha dùil aca a bhith air ais mu chuairt a' bhùird agus a' toirt a' phròiseict a tha seo air aghaidh.

"Agus feumaidh Bòrd na Slàinte tighinn a Bharraigh agus innse dha na daoine dè tha dùil aca a dhèanamh agus cuin a bhios obair air an ospadal a' tòiseachadh," thuirt e.

Tha ball SNP nan Eilean Siar aig Westminster, Aonghas Briannan MacNèill, a' dìon Riaghaltas Holyrood.

Tha esan a' coireachadh Bord na Slainte agus Comhairle nan Eilean Siar, 's e a' cumail a-mach nach do dh'èist iad ris a' choimhearsnachd.

"Tha mi a' faireachdainn gu math mì-thoilichte mun sin," thuirt e.

"A h-uile dàrnach a bhliadhna tha a' Chomhairle ag ràdh nach eil airgead aca, no tha Bòrd na Slàinte ag ràdh nach eil airgead aca.

"Agus an uairsin bha iad a' tighinn air adhart le plana nach robh muinntir an eilein ag iarraidh.

"Bha bliadhna no dhà nach èisteadh iad ri daoine.

"Mu dheireadh nuair a dh'èist iad 's an uairsin tha plana ann a bha a h-uile duine ag iarraidh, tha e doirbh dhan Riaghaltas airgead fhaighinn a chur ris.

"So tha ùine air a bhith air a chall air t-sàilleibh nach deach èisteachd an toiseach ri sluagh an eilein 's an rud a bha iad ag iarraidh.

"Chanainn-sa gu bheil muinntir Bharraigh air an leigeil sìos leis an t-suidheachadh a th' againn ann an Alba.

Comhairle nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Aonghas Briannan MacNèill a' coireachadh Comhairle nan Eilean Siar agus Bòrd na Slàinte airson an t-suidheachaidh

"Ma tha sinne a' dol a dh'fhuireach anns an Rìoghachd Aonaichte tha seo a' dol a bhith a' tachairt.

"Tha an t-airgead air a ghearradh gu Riaghaltas na h-Alba. Tha sinn an uairsin a' leigeil sìos muinntir Bharraigh, agus air an ath-cheum tha sinn a' faicinn gu bheil Èirinn - a tha neo-eisimeileach - a' trod air dè mar a chosgas iad na billeanan Euro.

"Ach tha seo a' dol a thachairt mura gluais sinn ann na Alba gu bhith neo-eisimeileach.

"Tha cruaidh-fheum air an ospadal a tha sin a bhith ann o chionn bhliadhnaichean. Tha sinn air a bhith ga ràdh o chionn bhliadhnaichean.

"Agus tha an Riaghaltas a' gearain an-dràsta, leis an t-suim airgid air a ghearradh aig Westminster, gu bheil sin a' cur bacadh orra, gu bheil cosgaisean togail air a dhol suas air t-sàilleibh leithid Bhrexit agus cion luchd-obrach.

"Agus tha sinn anns an staing a tha seo air t-sàilleibh gu bheil sinn, ann an dòigh, anns an Rìoghachd Aonaichte far a bheil airgead on Riaghltas air a ghearradh," thuirt e.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil ìre na h-atmhorachd a' toirt buaidh air cosgaisean 'son pròiseactan calpa san roinn phoblaich mar thoradh air Brexit, Covid agus an cogadh san Ucràin.

Thuirt iad gu bheil iad fhathast airson goireasan slàinte is cùraim am Barraigh a leasachadh agus gun obraich iad gu dlùth le NHS nan Eilean Siar agus Comhairle nan Eilean Siar air roghainnean eile.

Thuirt a' Chomhairle gun do rinn iadsan co-chomhairleachadh farsaing sa choimhearsnachd, agus gheall iad gun cùm iad orra a' feuchainn ris na goireasan ris a bheil gnothach aca-san a leasachadh.