Mì-chinnt mu phlana taigheadais do luchd-obrach sna Hearadh
- Air fhoillseachadh
Feumar sùil às ùr a thoirt air plana airson taighean a thogail do dhaoine a thig a dh'obair sna Hearadh an dèidh do bhuidheann tarraing a-mach às a' phròiseact.
Bha Urras Cheann a Tuath na Hearadh ag obair còmhla ri Adhartas na Hearadh (HDL) agus bha dà làraich air an comharrachadh airson nan àitichean-fuirich.
Bha moladh ann 14 àite-còmhnaidh a thogail air gach làraich.
Bha aonta ann cùl-cinn ann an sgìre chreagach air taobh sear an Tairbeirt a reic agus bha an dà thogalach air cead-dealbhachaidh fhaighinn bho Chomhairle nan Eilean Siar.
Tha cathraiche HDL, Coinneach MacLeòid, ag ràdh gun do dh'innis an t-uachdaran poblach nach urrainn dhaibh a bhith an sàs sa phròiseact tuilleadh leis gu bheil cuid de chroitearan sa sgìre air gearainean a thogail.
Thuirt Mgr MacLeòid gum feum iad a-nis coimhead airson làraichean togail eile agus cruaidh fheum ann airson taigheadas do dhaoine aig aois obrach.
"'S e an t-uallach a th' oirnn, chan eil sinn cinnteach am faigh sinn làraichean eile ann an ceann a tuath na Hearadh.
"Mar sin, bidh sinn a' coimhead air a' chòrr den Hearadh. Tha sinn a' bruidhinn ri uachdarain eile airson làraichean a lorg gus am faigh sinn air am pròiseact feumail seo a chur air chois cho luath agus as urrainn dhuinn.
"Tha mi cinnteach gu bheil tuathanaich ann an àitichean eile den Hearadh a bhiodh gu math deònach airgead mar siud fhaighinn airson talamhainn."
Mì-thoileachas sa choimhearsnachd
Ann an litir a sgaoil iad gu luchd-còmhnaidh, dh'innis Urras Cheann a Tuath na Hearadh dhaibh gun d' fhuair iad cead sgrìobhte bho chroitearan an Tairbeirt as t-samhradh 2023 agus, mar sin, gun robh iad toilichte a dhol ann an co-bhuinn le HDL.
Ge-tà bha e follaiseach nuair a chuireadh a-steach airson cead-dealbhachaidh as t-samhradh 2024 gun robh mì-thoileachas sa choimhearsnachd mun phròiseact fhèin agus mun dòigh san deach a làimhseachadh gu ruige sin.
Dh'fhàg sin gun do leig a' mhòr-chuid de na croitearan fhaicinn nach robh iad deònach tuilleadh an talamh a thoirt seachad.
Thuirt Urras Cheann a Tuath na Hearadh gun robh iad fhathast airson taic a chumail ris a' phròiseact agus dòchas aca gum faighte fuasgladh do na draghan a bh' ann.
Chuala coinneamh bhòrd an urrais san Dàmhair ge-tà gu bheil e eu-coltach gum faighear rèite agus cho-dhùin na stiùirichean an taic a tharraing buileach.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh14 An Lùnastal