Cead do phròiseactan taigheadais air an Tairbeart 's na Hearadh

Cnoc na Grèine
Fo-thiotal an deilbh,

Bhiodh làrach Chnoc na Grèine air cùlaibh nan taighean a tha ann an-dràsta.

  • Air fhoillseachadh

Chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt, ann am prionnsabal, do dhà phlana airson taighean a thogail air an Tairbeart anns an Hearadh.

Tha Adhartas na Hearadh (HDL) airson leasachaidhean a dhèanamh aig dà làrach sa bhaile, le 14 àite-còmhnaidh anns gach fear.

Chaidh na planaichean, a tha aig ìre thràth agus anns nach robh ach fiosrachadh mu càite an robh iad an dùil na leasachaidhean a dhèanamh, air beulaibh Bòrd Dealbhachaidh Comhairle nan Eilean Siar, le comhairlichean a bhòtadh gu h-aona ghuthach taic a chur riutha.

Tùs an deilbh, HDL
Fo-thiotal an deilbh,

Tha HDL an dùil taighean mòidealach mar seo a thogail airson luchd-obrach air an Tairbeart.

Dh' innis HDL cheana gun robh iad air iarrtas mòr fhaicinn bho ghnìomhachasan anns na Hearadh airson àiteachan-fuirich a bhiodh rim faodainn don luchd-obrach aca.

Mar fhreagairt air an sin, tha iad a' moladh 14 àite a thogail aig Cnoc na Grèine, le 14 eile air cùlaibh Iomairt an Òbain faisg air làimh.

Bha croitearan a' bhaile - leis gur ann air talamh ionaltraidh a tha an dà làrach - agus Urras Ceann a Tuath na Hearadh air taic a chur ris na planaichean, ach nochd cuid san sgìre dragh bho chionn ghoirid.

Mhìnich an Comh. Pòl Finnegan don choinneimh gur e an tuigse aigesan gun robh cuid de na croitearan agus an t-Urras a-nis air an taic sin a tharraing.

Cha robh Bòrd Dealbhachaidh na Comhairle a' coimhead ris an dragh sin Dimàirt idir - dìreach na làraichean agus na riaghailtean dealbhachaidh co-cheangailte riutha.

Cha ghabh am post Twitter seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air Twitter
Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Leum thairis air twitter teachdaireachd le BBC Naidheachdan

Cead do stuth Twitter?

Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Deireadh twitter teachdaireachd le BBC Naidheachdan

Tha cead air a bhith air a thoirt dà thuras airson taigh a thogail air an làraich aig Cnoc na Grèine, taobh a-muigh - ann an 2007 agus 2017 - ged nach deach obair sam bith a dhèanamh air na taighean sin air a' cheann thall.

Ann am freagairtean ris an tagradh-dealbhachaidh bha feadhainn air dragh a thogail mu cho freagarrach 's a bha an làrach agus buaidh air trafaig agus taighean eile sa phàirt sin den bhaile.

Ach mhol oifigearan na comhairle gabhail ris na planaichean. Chaidh gabhail ris an sin aig a' choinneimh, le fios aig buill a' Bhùird Dealbhachaidh gum biodh feum air planaichean nas mionaidiche mus deadh obair sam bith a dhèanamh.

Fo-thiotal an deilbh,

Bhiodh an leasachadh aig Iomairt an Òbain air cùlaibh nan togalaichean a tha ann mar tha.

Bha beagan a bharrachd deasbad ann mun làraich air cùlaibh Iomairt an Òbain, no 'Tairbeart an Ear', taobh a-muigh mar a chaidh gabhail air san tagradh-dealbhachaidh.

Bhiodh na h-àiteachan-fuirich air an togail air cùlaibh nan togalaichean a tha ann mar-thà anns a bheil trì gnothachasan.

An-dràsta, chan eil bacaidhean sam bith air an t-seòrsa gnothachas a dh' fhaodadh na togalaichean sin fhaighinn air màl ach thug oifigearan rabhadh gum biodh e doirbh dhaibh leigeil le 'gnìomhachas-trom' leithid einnseanaireachd air am biodh cead 'Clas 5' a dhìth obrachadh anns an ionad, nam biodh àiteachan-fuirich cho faisg air làimhe.

Bhruidhinn na comhairlichean mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig an seo san àm ri teachd, ach chaidh innse cuideachd nach deach iarrtas fhaighinn a-riamh roimhe airson an leithid anns na togalaichean seo bhon a chaidh an t-ionad fhosgladh ann an 2015.

Chaidh iarraidh cuideachd - ann a bhith gabhail ris an tagradh - gun deadh staran a thogail le HDL eadar an làrach seo agus an Tairbeart mar phàirt den leasachadh, leis gum biodh aig daoine ri coiseachd ri taobh an rathaid le casg-astar 60msu.

Feumaidh HDL tilleadh le planaichean nas mionaidaiche airson an dà làrach ma tha iad airson leantainn orra leis na leasachaidhean agus gheibh daoine cothrom eile coimhead ri na planaichean sin agus taic a chur riutha, no cur nan aghaidh, le slighe fhada ri dhol fhathast mus tèid càil a thogail.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Coinneach MacLeòid bho Adhartas na Hearadh a' bruidhinn air Aithris na Maidne