Scrabble ri fhaotainn sa Ghàidhlig

- Air fhoillseachadh
Chaidh dreach oifigeil den gheama bhùird ainmeil Scrabble fhoillseachadh sa Ghàidhlig.
Chaidh a leasachadh an co-bhann leis An Taigh Cèilidh ann an Steòrnabhagh, agus e air a leasachadh a rèir cho cumanta 's a tha litrichean ann am facail a' chànain.
Rinn An Taigh Cèilidh an obair còmhla ri Tinderbox Games ann an Lunnainn.
Tha na riaghailtean air an sgrìobhadh sa Ghàidhlig, agus na puingean air an comharrachadh a rèir chruth a' chànain.
Tha cuideachd pìosan fa-leth airson fhuaimreagan fada, air an comharrachadh le sràc mar a bhiodh dùil airson litrichean À È Ì Ò Ù.
Chaidh an Dr Teàrlach Wilson, fear de cho-stèidhichean An Taigh-cèilidh, a dh'ionnsaigh Tinderbox Games a dh'fhaighneachd co-dhiù bha dreach den gheama anns a' Ghàidhlig mar-thà, agus mura robh am faigheadh An Taigh Cèilidh air cuideachadh gus sin a thoirt gu buil.
Tha PhD aig an Dr. Wilson anns a' Ghàidhlig, agus tha e cuideachd fileanta sa Chuimris - cànan anns a bheil e air Scrabble a chluich roimhe.
Tha rannsachadh acadaimigeach air sealltainn gur e dòigh gu math èifeachdach agus spòrsail a th' ann a bhith ag ionnsachadh litreachaidh ann an cànan.
Tha an geama ri fhaighinn ann an 28 cànan, agus tha mu dhàrna leth de dhachannan Bhreatainn le co-dhiù aon sheata dheth.
Tha an geama cuideachd ri fhaighinn sa Ghaeilge.

Airson an dreach Gàidhlig den gheama a chur air bhog, cumaidh An Taigh Cèilidh a' chiad Fharpais Scrabble Gàidhlig na Cruinne aig 2:00f air an 9mh den Dùbhlachd 2023.
"Tha fadachd orm tòiseachadh," thuirt an Dr Wilson.
"Ach ma bhuannaicheas mi, bidh daoine a' smaointinn gur e foill a th' ann.
Ma chailleas mi, bidh daoine a' ceasnachadh co-dhiù bu chòir dhomh PhD a bhith agam sa Ghàidhlig!"
Tha an dreach as ùire cuideachd air a' chompanaidh air cùl Scrabble a dhèanamh toilichte.
"Tha e math dha-rìribh an dreach as ùire seo de Scrabble fhaicinn, còmhla ris na dreachan soirbheachaile Cuimris agus Gaeilge againn, an dèidh obair chruaidh mhòir thar an dà bhliadhna mu dheireadh bhon sgioba aig An Taigh Cèilidh," thuirt Àrd-Oififeach Tinderbox Games, Mgr Jim Harrison.
"Tha mi an dòchas gun còrd e ri daoine a bhith ga chlucih a cheart cho math 's a chòrd e rinne a bhith ga dhèanamh!"