Plana Sràid na h-Acadamaidh ga dheasbad

Sràid na h-AcadamaidhTùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd
  • Air fhoillseachadh

Nì comhairlichean an Inbhir Nis deasbad Diluain am bu chòir dhaibh a dhol air adhart le planaichean airson meadhan Inbhir Nis ath-chruthachadh - nam measg casg air càraichean bho Shràid na h-Acadamaidh.

'S i tè de na sràidean as trainge ann am meadhan Inbhir Nis a th' ann an Sràid na h-Acadamaidh is i cuideachd tric air nochdadh am measg nan sràidean as miosa ann an Alba a thaobh truaillidh.

Fo na planaichean seo, thathas ag amas air eimiseanan a ghearradh agus barrachd dhaoine a thàladh a-steach gu meadhan a' bhaile is ùine a chur seachad ann, is daoine a bhrosnachadh cuideachd a bhith a' coiseachad is a' rothaireachd.

Chaidh cabhsairean na sràide a dhèanamh nas leatha aig àm Covid is thathas a' moladh seo a chumail agus càraichean prìobhaideach a chasg.

Fhuaireadh £800,000 bho sgeama 'Àitichean airson a h-Uile Duine' aig Riaghaltas na h-Alba.

Tha na planaichean air a bhith connspaideach ge-tà, is gnothachasan ann am meadhan Inbhir Nis ag ràdh gun dèan iad sgrios orra.

Tha dragh orra nach bi daoine airson tighinn a-steach a mheadhan a' bhaile idir ma tha casg air càraichean.

Bha ionad bhùithdean an Eastgate am measg na thog dragh is cuid de ghnothachasan ag ràdh gum biodh iad deònach a dhol gu lagh gus stad a chur air na planaichean.

Dh'iarr aona chomhairliche an t-seachdain seo chaidh gun deadh dàil a chur air a' phròiseact agus beachdachadh air às ùr.

Coinnichidh Comataidh Bhaile Inbhir Nis Diluain, taobh a-muigh gus an gnothach a dheasbad.

Thathas ag iarraidh air comhairlichean aontachadh gum bu chòir do dh'oifigich gluasad air adhart leis na planaichean a thoirt gu ìre is co-chomhairle a dhèanamh air Òrdugh Smachdachaidh Trafaig, le measadh buaidhe eaconomaich na phàirt dhith.

Mura dèan iad seo, thathas ag iarraidh aonta nach dèan oifigich an tuilleadh obrach air na planaichean is gun tèid na cabhsairean is an rathad a chur air ais mar a bha iad ro àm Chovid.