Iomairt 20 bliadhna airson sgoile ùire

Avril Robasdan agus Lorainne NicIllEathain
  • Air fhoillseachadh

Tha pàrantan air Ghàidhealtachd air innse mun uabhas a th' orra le staid sgoil shònraichte an cuid chloinne agus mun iomairt 20 bliadhna aca airson togalach ùr fhaighinn.

Bidh Sgoil Speisealta an Naomh Cliamain ann an Inbhir Pheofharain a' toirt seachad foghlaim do chloinn eadar trì agus 18 bliadhna de dh'aois, le sgoilearan a' faighinn taic a bharrachd mu choinneimh chiorramachd fiosaigeach agus trioblaidean niùro-eòlach.

Tha cuid den sgoil còrr air 100 bliadhna de dh'aois, 's tha trannsaichean 's dorsan ann a tha mì-fhreagarrach do chathraichean-cuibhle.

Thuirt pàrantan gu bheil tidsearan cuideachd a dhìth air an sgoil airson cuid de chuspairean, agus gu bheil tighinn air sgoilearan a dhol gu pàirc phoblaich faisg air làimh airson leasannan spòrs leis nach eil talla gheamaichean anns an sgoil.

Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead seachad ann an 2021 do phlanaichean airson sgoil ùr, a chosgadh £13m, a thogail, ach air a' mhìos a chaidh dh'fhailich orra maoineachadh fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba mu choinneimh a' phròiseict.

Thuirt an Riaghaltas gun d' fhuair a' Chomhairle buannachd à cuairtean maoineachaidh roimhe.

Tha mu 50 duine-cloinne a' dol dhan sgoil, a' mhòr-chuid aca a' tighinn à taobh sear Rois, ach bidh cuid a' siubhal ann às Inbhir Nis, mu 15 mìle air falbh.

Thuirt Avril Robasdan, aig a bheil mac aois 13 le autism san sgoil, gu bheil a' chlann agus "sàr-luchd-obrach na sgoile" gam fàiligeadh le droch staid an t-seann togalaich.

Tha i air a bhith ag iomairt airson sgoil ùr a thogail mu choinneimh fheumalachdan na cloinne bho bha a mac còig bliadhna de dh'aois, ach thuirt i gun robh iarrtas ann airson togalaich ùir mu 10 bliadhna ron sin.

"Anns a' phàirt nas sine den sgoil tha mi fhèin air daoine le cathraichean-cuibhle fhaicinn a' feuchainn ri dhol eadar seòmraichean, ach ann an duilgheadas leis gu bheil stairsnich ro àrd ann, no nach eil rùm gu leòr airson faighinn timcheall," thuirt i.

"Chan eil seòmraichean "break-out" idir anns an t-seann togalach do dhaoine le feumalachdan taice a bharrachd ma tha iad a' cur feum air ùine air falbh bhon phrìomh chlas.

"Chan fhosgail 's cha dhùin uinneagan, 's tha uaireannan trioblaidean ann leis an t-siostam teasachaidh, le mullaichean àrda nan seòmraichean ga fhàgail fuar air cuid de làithean 's teth air cuid eile.

"Tha an curraicealam gu follaiseach eadar-dhealaichte, ach le bhith ag ràdh sin chan eil roinn saidheans anns an sgoil, chan eil talla spòrs ann, 's chan eil tidsear spòrs ann.

"Thathas a' gabhail ris gum bi a leithid ann ann am foghlam prìomh shruth.

"'S e lucsaraidh a th' ann nach fhaigh Sgoil an Naomh Cliamain."

Sgoil an Naomh Cliamain

Thuirt Lorraine NicIllEathain, aig a bheil mac ann an S4 air a bheil autism agus mì-rian tearc ginideach a tha a' toirt buaidh air na fèithean aige 's ag adhbharachadh cràidh na chasan, gun deach dòchas phàrantan gum faigheadh iad sgoil ùr a thogail 's a leagail thar nam bliadhnaichean.

"A h-uile turas a tha sinn a' faireachdainn gun do rinn sinn adhartas tha sinn gar putadh air ais," thuirt i.

"Thug sinn air planaichean a bhith air an dèanamh airson togalaich eile, ach cha robh rùm ann air an taobh a-muigh.

"Chan fhaigh sinn ach na criomagan," thuirt i, mu na tairgsean leasachaidh a rinneadh thuige seo.

Thuirt a' Bh-Ua. NicIllEathain gun robh pìos fearainn air cùlaibh na sgoile an sàs sa chaibideal às ùire den sgeulachd sin, 's e air innse do phàrantan nach robh e freagarrach airson togalaich sgoile, ach far a bheil a-niste bùth mhòr ga leasachadh.

"Tha fhios agam nach e sinne a-mhàin a tha le droch thogalach a tha a' tuiteam às a chèile," thuirt i.

"Ach 's e a' phrìomh thioblaid nach eil goireasan ann. Chan eil ceòl ann, no eaconomachd dachaigh, tha aca ri dhol gu pàirce phoblaich airson leasannan spòrs.

"Tha e doirbh turas air falbh a chur air dòigh ann an sgoil sam bith, ach le cloinn a tha le feumalachdan a bharrachd bidh thu a' caitheamh an t-uabhas tìde.

"Chan eil dòchas sam bith ann gum faic mo mhac-sa sgoil ùr. Tha iad (Comhairle na Gàidhealtachd) air fhàiligeadh.

"Ach cumaidh mi orm ag iomairt air sgàth na cloinne a thig na dhèidh," thuirt i.

Thuirt i gun robh an sgoil fortanach leis an taic a fhuair i bhon choimhearsnachd ionadail - nam measg gu bheil cothrom aca air goireasan a' chluba bhuill-coise Ross County a chleachdadh, 's gu bheil cothrom aig cuid de chloinn air leasannan saidheans aig Acadamaidh Inbhir Pheofharain.

Sgoil an Naomh Cliamain

A rèir Chomhairle na Gàidhealtachd, chaidh 68 sgoil a-mach às a' chòrr is 200 aca a chomharrachadh ann an droch staid, le 74 dhiubh gam meas mì-fhreagarrach.

Chuir a' chomhairle a-steach airson grunn chothroman air maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba fo sgeama Prògram In-ionmhais na h-Oighreachd Ionnsachaigh (LEIP), a' toirt a-steach iarrtas mu choinneimh sgoiltean ùra sa Mhanachainn, an Dùn Bheagain, agus bun-sgoil na Pàirce, agus iarrtas fa-leth airson Sgoil an Naomh Cliamain.

Sgrìobh a' chomhairle gu Riaghaltas na h-Alba a dh'iarraidh chòmhraidhean a bharrachd mu na togalaichean sgoile aca nach eil aig ìre.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail gu bheil togalach ùr dha Sgoil an Naomh Cliamain fhathast na phàirt den phrògram chalpa fad-ùine aca, 's gu bheil dùil aca pìos fearainn a cheannach sa bhliadhna-ionmhais a tha romhainn.

Dheadh am fearann sin a chumail gus an tig cothrom an sgoil ùr a thogail.

Thuirt iad gun deach an làrach air cùlaibh na sgoile a th' ann a dhiùltadh leis gu bheil cunnart ann bho thuiltean, a rèir mheasaidhean Buidheann Dìon na h-Àrainneachd, SEPA.

"Bidh SEPA a' comharrachadh cunnart tuile stèidhichte air na thathas an dùil a dhèanamh le pìos fearainn," thuirt labhraiche às leth na comhairle.

"Tha sgoiltean gam meas anns a' bhuidhinn as motha a thig fo bhuaidh, agus ri linn sin tha cuid de dh'fhearann ga mheas mì-fhreagarrach airson togalaichean sgoile, ged a dh'fhaodas iad a bhith air an leasachadh airson rudan eile."

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil e na dhleastanas reachdail air ùghdarrasan ionadail na h-oighreachdan sgoile aca a riaghladh 's a chumail aig ìre.

"Tha in-ionmhas Riaghaltas na h-Alba a' cur ris an obair seo, chan eil e ga mhaoineachadh gu lèir," thuirt iad.

"Tha ìre a trì de LEIP a' toirt taic do phròiseact phrìomhachais ann an sgìrean comhairle nach d' fhuair taic bho LEIP cheana, agus mar sin, tha e a' dèiligeadh ris a h-uile comhairle gu cothromach 's gu h-ionnan.

"Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' faighinn taic-iomhais fo ìrean a h-aon agus a dhà de LEIP airson Bun-sgoil an Àth Leathainn, Acadamaidh Inbhir Narann, agus Campas 3-18 Bhaile Dhubhthaich."