"Co-dhùnaidhean doirbh" ro chomhairlean

Sgudal
  • Air fhoillseachadh

Bidh co-dhùnaidhean fìor dhoirbh ro ùghdarrasan ionadail gus na buidseatan aca a chothromachadh anns na bliadhnaichean ri tighinn, a rèir Choimisean nan Cunntasan.

Thuirt a' bhuidheann gu bheil a' mhòr-chuid de dh'airgead a bharrachd a tha a' tighinn bho Riaghaltas na h-Alba gu ùghdarrasan ionadail mar-tha air a chomharrachadh 'son phoileasaidhean sònraichte agus pàigheadh.

Tha Derek Yule bho Choimisean nan Cunntasan ag ràdh gu bheil dùbhlan mòr mu choinneimh chomhairlean.

"Feumaidh iad sàbhalaidhean a lorg is a chur an sàs gus buidseatan a chothromachadh," thuirt e.

"Tha e cho cudromach 's a ghabhas gum bi conaltradh ann leis an t-sluagh mu na roghainnean doirbh a tha air am beulaibh, is mun bhuaidh air a' phoball is daoine so-leònta gu sònraichte.

"Feumaidh iad a bhith nas fheàrr san dòigh 's a tha iad a' toirt seachad fiosrachaidh ionmhais is am fiosrachadh sin a thoirt seachad gu soilleir is gu cunbhalach," thuirt e.

Tha Cosla ag ràdh gu bheil feum air fuasgladh "ceart is susbainteach" a thaobh maoineachadh nan comhairlean is nach robh iad a' faighinn airgid gu leòr bho chionn fhada.

Thuirt iad gu bheil aithisg Choimisean nan Cunntasan "a' dearbhadh na tha sinn air a bhith ag ràdh mu shuidheachadh ionmhais chomairlean".

Thuirt a' bhuidheann nach robh cùisean riamh cho dùbhlanach do na h-ùghdarrasan ionadail.

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad ag obair le Cosla air structar ùr ionmhais.

"A dh'aindeoin cho-dhùnaidhean bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a dh'fhàg an dùthaich ann an suidheachadh ionmhais doirbh, tha Riaghaltas na h-Alba air còrr is £14bn a thoirt do chomhairlean ionadail am-bliadhna, an t-suim as motha riamh," thuirt iad.