Ofgem "na nàmhaid" do Chomhairle nan Eilean Siar

CumhachdTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chuir comhairlichean anns na h-Eileanan an Iar taic ri aithisg leis an ùghdarras ionadail gu Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a rinn càineadh mòr air obair Ofgem ann a bhith a' riaghladh mhargaidean gas is dealain na Rìoghachd Aonaichte.

Dh'iarr Riaghaltas Westminster fianais mar phàirt de co-chomhairleachadh mu Ofgem, taobh a-muigh a tha a-nise air dùnadh.

Bha freagairt ChNES gu sònraichte a' coimhead ri buaidh riaghladh Ofgem air na h-eileanan.

Thuirt Àrd-Oifigear Planaidh na comhairle, Iain Coineagan, ri Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich gu bheil Ofgem air a bhith na riaghladair airson 25 bliadhna, agus gun robh a' bhuidheann "na nàmhaid mhòr" dhan chomhairle thairis air a' mhòr-chuid dhen ùine sin.

Chuir e às an leth gun chuir iad bacadh air planaichean airson càball dealain eadar na h-eileanan agus tìr-mòr a leigheadh às-mhalairt dealain air adhart.

Dh'fhaighnich e dhan t-seòmar: "Cò tha a' riaghladh an riaghladair?"

Thuirt e gun robh uallaichean air Ofgem co-cheangailte ri cothrom air cumhachd agus fàs eaconamach ach nach eil feart mar as còir ga thoirt dha na nithean sin, is fòcas nas motha air cosgais do luchd-cleachdaidh.

Ann am freagairt na comhairle gu co-chomhairleachadh Riaghaltas Westminster, thog an t-ùghdarras ionadail a' phuing gu bheil 80% de dhachannan nan Eilean Siar ann am bochdainn connaidh, is aig daoine ri roghainn a dhèanamh eadar "biadh no blàths".

Thuirt Mgr Coineagan cuideachd gum bu chòir na h-eileanan lasachadh fhaighinn le taraifean is an sgìre a' cur gu mòr ri cruthachadh dealain.

Thuirt e gu bheil eisimpleirean de leth-bhreith an aghaidh nan eilean tron fhreagairt aig Comhairle nan Eilean Siar agus gu bheil an t-ùghdarras an dòchas gun tèid dèiligeadh ris an sin.

Chàin an t-Àrd-Oifigear Planaidh Ofgem cuideachd co-cheangailte ri bhith a' faighinn cuidhteas de dh'innealan-tomhais RTS is "Smart Meters" a thoirt a-steach is e ag ràdh gu bheil "ùpraid mhòr" an dèidh bhith ann.

Tha BBC Naidheachdan air beachd iarraidh bho Ofgem.