Ceannard Ghàrradh MhicFhearghais a' fàgail a dhreuchd

Iain PetticrewTùs an deilbh, PA Media
  • Air fhoillseachadh

Tha ceannard eadar-amail Gàrradh MhicFheargais air a dhreuchd fhàgail ri linn adhbharran pearsanta.

Bha Iain Petticrew air an obair a ghabhail airson sia mìosan an dèidh dhan cheannard a bh' ann roimhe, Daibhidh Tydeman, a bhith air a chur às a dhreuchd bho chionn bliadhna, ged a dh'aontaich Mgr Petticrew an uair sin fuireach gu àm na Càisge.

Bha Mgr Petticrew, a dh'fhàs suas ann an Guireag ach a tha stèidhichte ann an Canada, air bòrd Gàrradh MhicFheargais nuair a chaill Mgr Tydeman a dhreuchd.

Bha Mgr Tydeman air moladh fhaighinn is coltas ann gun robh adhartas a' tighinn fo stiùir air obair air an MV Glen Sannox is an MV Glen Rosa.

Chaill e an obair aige air a' cheann thall is ceistean a' leantainn mun chlàr-ama is mu chosgaisean.

Ged a thàinig dàil eile às dèidh dha Iain Petticrew a dhol dhan obair, chaidh an Glen Sannox mu dheireadh thall a thoirt seachad san t-Samhain is i a' tòiseachadh ann an seirbheis san Fhaoilleach.

Ann am brath, thug Gàrradh MhicFhearghais taing dha Iain Petticrew airson a shaothrach is iad ag ràdh gun robh a' bhuaidh a thug e air obair na companaidh follaiseach.

Thuirt iad nach bi fada ann gus an ainmich iad ceannard maireannach a ghabhas àite.

Tha obair a' leantainn air an Glen Rosa le dùil ri barrachd fiosrachaidh mun chlàr-ama ro dheireadh na mìos.

Bha dùil gum biodh i deiseil san t-Sultain ach thuirt Mgr Petticrew bho chionn ghoirid gun robh cunnart ann gum bi dàil eile ann.

Tha dàil a bharrachd cuideachd air a dhol air ceithir aiseagan ùra do ChalMac a tha gan togail san Tuirc, rud a tha a' cur ris an uallach air lìonra na companaidh aiseig.