Stoc an rionnaich ann am fìor chunnart a rèir eòlaichean

RionnachTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha stocan rionnach a' ruighinn ìre èiginnich a rèir luchd-glèidhteachais

  • Air fhoillseachadh

Tha stoc an rionnaich a' sior chrìonadh gu ìre 's gu bheil e ann an cunnart a rèir eòlaichean.

Tha Comann Dìon na Mara ag ràdh gu bheil an Rìoghachd Aonaichte agus an Nirribhidh am measg nan dùthchannan a tha a' glacadh cus den iasg.

Tha iad ag iarraidh air daoine gun rionnach ithe.

Tha Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, a' cur teaghamh sa bheachd ge-tà.

Thuirt e: "An sealladh a tha sinn a' faicinn tha stoc an rionnaich gu math fallainn.

"Na 25 bàtaichean a tha a' glacadh an rionnaich ann an Alba, tha iad a' dèanamh glè mhath," thuirt e.

Dà rionnach marbh air bòrd fiodha Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Comann Dìon na Mara ag iarraidh air daoine rionnach a sheachnadh mar bhiadh

Thug Comann Dìon na Mara rabhadh ge-tà gu bheil na thathar a' glacadh de rionnach a' cur stocan ann am fìor chunnart.

Thuirt iad gu bheil na cuotathan a tha dùthchannan a' stèidheachadh gu cunbhalach eadar 5% agus 80% nas àirde na na h-ìrean a tha luchd-saidheans a' moladh.

Thuirt Alice Moore, bho Chomann Dìon na Mara: "Bu chòir do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ceumannan a ghabhail sa bhad airson obair còmhla ri dùthchanan eile airson agus gum bi na tha ceadaichte a' glacadh a rèir na comhairle saidheansail."

Tha iasgairean le dragh gun tèid cuideamean ceadaichte a lùghdachadh.

Tha Mgr MacAonghais ag iarraidh gum bi cead aig iasgairean sna h-Eileanan an Iar gu sònraichte barrachd den rionnach a ghlacadh.

"Chan eil e ceadaichte do na bàtaichean san h-Eileanan an Iar an-dràsta ach timcheall air dà thunna sa mhìos a ghlacadh.

"Chan eil sin prothaideach dhaibh idir," thuirt e.