Dh'ainmicheadh sgioba nan Eilean Siar 'son Geamannan nan Eilean 2025

Bidh Muriel NicLeòid a' riochdachadh nan Eilean Siar uair eile
- Air fhoillseachadh
Bidh 105 lùth-chleasaichean às na h-Eileanan an Iar a' siubhal a dh'Arcaibh as t-samhradh airson pàirt a ghabhail ann an Geamannan Eadar-Nàiseanta nan Eilean.
Tha 24 eileanan gu bhith air an riochdachadh aig na geamannan a bhios ann an Arcaibh am-bliadhna eadar an 12mh agus an 18mh den Iuchar.
'S e seo an deicheamh turas a tha sgioba aig Comann Gheamannan Eileanach nan Eilean Siar (WIIGA) a' farpais ann on bha iad ann an Sealtainn ann an 2005.
Tha Cathraiche WIIGA, Norrie Dòmhnallach ag ràdh gur e "obair mhòr a th' ann faighinn chun na h-ìre seo do na lùth-chleasaichean, coidsichean, manaidsearan sgiobannan agus comataidh WIIGA ris a bheil e an urra an sgioba fhaighinn a dh'Arcaibh".
Thuirt e: "Tha sinn air leth taingeil dhaibhsan a tha a' cur seachad an cuid ùine gus an cothrom mìorbhaileach seo a thoirt do na rionnagan spòrs tàlantach againn."

Bidh Kerry Nic a' Phì (air an làimh dheis) a' gabhail pàirt sna farpaisean baidhseagail
Tha buill an sgioba gu bhith an sàs ann an 10 diofar spòrsan:
Boghadaireachd
Lùth-chleasachd
Badmantan
Bobhladh
Rothaireachd
Ball-cois nam Fear
Ball-cois nam Ban
Goilf nam Fear
Goilf nam Ban
Snàmh
Eadar luchd-spòrs, oifigich agus luchd nam meadhanan tha dùil gum bi còrr 's 4000 duine aig na geamannan a tha gan cumail a h-uile dàrna bliadhna.
Thuirt manaidsear sgioba nan Eilean Siar, Iain GG Caimbeul: "Tha mòran de lùth-chleasaichean aig àrd ìre gu h-eadar-nàiseanta a' gabhail pàirt sna Geameannan Eileanach.
"Tha seo cudromach dhuinn airson an lùth-chleasaichean òga againn a thoirt air adhart, cho math ris an fheadhainn againn aig ìre nas adhartaiche a bhith ag amas air na cuairtean deireannach agus air buinn a chosnadh."
Am measg an luchd-spòrs a tha a' tilleadh gu sguad na bliadhna-sa a th' air tighinn dhachaigh le buinn mar thà tha Muriel NicLeòid agus Mhairi Hall agus an dòchas gun tèid gu math dhaibh uair eile sa lùth-chleasachd.

Tha ceist ann am bi Kara Hanlon a' farpais an Arcaibh agus i ag amas air a dhol gu Farpaisean Snàimh na Cruinne
Tha Kerry Nic a' Phì (Rothaireachd agus Triathlon) a' tilleadh airson a' chòigeimh turais agus an dòchas cur ris na 13 buinn a chosinn i roimhe.
Tha dùil gum bi Kara Hanlon san amar-snàimh a-rithist ach tha ceist ann an tèid aice air pàirt a ghabhail agus i ag amas air farpais ann an Farpaisean na Cruinne ann an Singapore.
Tha Kerry Nic a' Phì agus Kara Hanlon le chèile air Alba a riochdachadh aig Geamannan a' Cho-fhlaitheis.
Dhearbh WIIGA nach bi Ben Denehy, a bha os cionn an sgioba bhadmantain a shoirbhich ann an Guernsey ann an 2023, comasach air a dhol do na geamannan am-bliadhna, 's e air a ghoirteachadh.
Thuirt manaidsear an sgioba, Jay Moran, gur e fìor bhriseadh-dùil a bh' ann Ben a chall ach thug iad taing mhòr do Arshad Islam airson seasamh a-steach.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh air làrach-lìn WIIGA an seo. , taobh a-muigh
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh4 An Gearran