Caoimhin Booth fo chasaid airgead a thabhann 'son feise

- Air fhoillseachadh
Tha fear-gnothachais beartach fo chasaid gun robh e an sàs ann an conaltradh mì-iomchaidh ri boireannach.
Tha Caoimhin Booth a bha an sàs ann an gnìomhachas cur-gheall fo chasaid gun do chuir e ceistean mì-iomchaidh feiseil air a' bhoireannach agus gun robh e air airgead a thabhann oirre airson feise ann an 2022.
Chaidh Booth, tha 65, às àicheadh nan casaidean nuair a thòisich a' chùis-lagha ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Ùige Diardaoin.
Tha Booth air tagradh a dhèanamh an aghaidh riaghladh cùirte eile na bu thràithe am-bliadhna, a tha ag ràdh gun robh e ri cùiltearachd bhoireannach agus a' gabhail brath orra sin agus a' toirt ionnsaighean orra le cuip ann an Loidse an Locha Duibh ann an Gallaibh agus thall-thairis.
Chualas bho bhoireannach a tha stèidhichte thall-thairis a tha mu 40 bliadhna de dh'aois tro cheangal bhidio aig toiseach na cùise eucoir.
Thuirt i gum faca i sanas-obrach air còmhradh Facebook mu dhreuchd ann an Alba, agus gun robh suathadh bodhaige mar phàirt den obair.
Thadhail am boireannach còmhla ris an duine aice air Loisde an Locha Duibh agus ghabh i an obair san Lùnastal 2022.
Bhiodh i a' toirt suathadh bodhaige do Bhooth turas no dhà gach seachdain ach thòisich i a' claradh fuaime air a' fòn-làimhe aice nuair a thòisich e a' fàs "mì-mhodhail", mar a chuir i fhèin e.
Chuimhnich i air turas nuair a dh'iarr Booth oirre a bhualadh air a thòin agus thabhainn e pàigheadh a bharrachd oirre.
Thuirt i cuideachd gun robh "eagal oirre" aig aon àm agus gun robh "eagal na broilleach ach gun do rinn i a dìcheall gun sin a thoirt am follais."
Tha a' chùis a' leantainn.
Chaidh casg-siubhail eadar-nàiseanta air Booth às dèidh riaghlaidh bho chùirt shìobhlata a chuala gun tug e ionnsaighean corporra agus drabasta air boireannaich ann an seòmar fon-talamh na dhachaigh san loidse.
Tha am BBC cuideachd air aithris mu chasaidean bho dhithis bhoireannach a tha a' cumail a-mach gun tug Booth ionnsaighean orra fhad 's a bha iad gam fastadh le Booth.
Às dèidh an riaghlaidh bhon chùirt shìobhalta sa Ghearran, thug na Poilis an cead-siubhail aig Booth air falbh agus chaidh a chasg bho a bhith a' siubhal taobh a-muigh na Rìoghachd Aonaichte - tha Booth air tagradh a dhèanamh an aghaidh an riaghlaidh sin.