Bhàsaich fear an dèidh dhan mhotar-baidhg aige bualadh ann an làraidh

Thachair an tubaist eadar Farrais agus Baile nan Granndach
- Air fhoillseachadh
Chaill fireannach, 64, a bheatha an dèidh dhan mhotar-baidhseagal aige bualadh ann an làraidh ann am Moireibh air an deireadh-sheachdain.
Bhàsaich an duine aig làrach na tubaiste air an A940 eadar Farrais agus Baile nan Granndach mu 06.30f feasgar Disathairne.
Cha deach am fireannach a bha a' dràibheadh na làraidh agus boireannach a bha a' siubhail còmhla ris, a ghoirteachadh.
Bha an rathad dùinte airson faisg air 10 uairean de thìde fhad 's a rinn na poilis sgrùdadh air an làraich.
Tha na poilis airson agus gun tig daoine air adhart ma chunnaic iad na thachair.