Tha luach còrr air £100bn an cois phròiseactan aig tuath a rèir aithisg ùir

Tha tuathan-gaoithe mara am measg nam pròiseactan luachmhor a tha san amharc
- Air fhoillseachadh
Chaidh an ìre de chothroman eaconomach air a' Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan a thomhas airson a' chiad uair ann an rannsachadh a dh'iarr buidheann leasachaidh an Riaghaltais Albannaich.
Sheall an aithisg a rinneadh do dh'Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HIE) gu bheil còrr air 250 pròiseact san amharc, a' chuid as motha dhiubh sin aig companaidhean prìobhaideach.
Fhuaireadh gum faodadh còrr air 16,000 obair a bhith air an cruthachadh aig àirde na h-obrach-togail is leasachaidh, a bharrachd air 18,000 dreuchd a bharrachd ron bhliadhna 2040.
Thuirt Àrd-oifigear HIE, Stuart Black: "Ma tha sinn a' dol a thoirt nam pròiseactan seo gu buil feumaidh sinn dèiligeadh ris na dùbhlain mhòra a tha ron sgìre agus a bhith ag obair an co-bhann ri buidhnean eile."
Am measg nan dùbhlan a bhiodh ann 's e àiteachan-fuirich don luchd-obrach a bhiodh a dhìth airson na pròiseactan a thathar a' moladh a thoirt gu buil.

'S e sgeamaichean cumhachd uaine a th' anns a' mhòr-chuid de na leasachaidhean a thathar a' moladh
'S e pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail a th' anns a' mhòr-chuid de na chaidh ainmeachadh.
Cuideachd san amharc tha leasachaidhean mar raointean-rocaid agus bith-theicneòlas mara, a bhith a' rannsachadh nan cuantan airson rudan a dhèanadh feum ann an drugaichean neo nìthean ceimigeach.
Tha iomradh cuideachd san aithisg air an obair riatanaich a tha a dhìth air bun-structar, an leithid an lìonra dealain ùrachadh agus leasachadh a dhèanamh air goireasan chalaidhean.
Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean ag ràdh gu bheil an rannsachadh seo fìor chudromach, agus gun toir e buaidh air Alba air fad sna bliadhnaichean ri thighinn.
Thuirt Àrd-oifigear na buidhne Stuart Black: "Feumaidh sinn taic a thoirt do ghnìomhachasan agus coimhearsnachdan airson dèanamh cinnteach gu bheil dìleab mhaireannach aig an in-ionmhas seo."
Thèid bruidhinn air na cothroman aig Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann an Srath Pheofhair Diluain.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh8 An Giblean 2024