Inbhe làrach chusbainn do phort Bhàgh Neig

- Air fhoillseachadh
Dh'innis Port Bhàgh Neig air Taobh Sear Rois gun d'fhuair iad inbhe làrach chusbainn.
Thuirt iad gu bheil seo a' fàgail gun daingnaich e seasamh a' phuirt agus an sgìre ann an gnìomhachas cumhachd ath-nuadhachail an t-saoghail.
Tha inbhe chusbainn a' ciallachadh gu bheil làrach shònraichte air a cur air dòigh aig saor-phort uaine a tha taobh a-muigh nan riaghailtean cusbainn àbhaisteach san Rìoghachd Aonaichte.
Fàgaidh sin gu bheil dòighean-obrach nas sìmplidh agus nas saor ann nuair a tha bathar ga ghluasad a-mach agus a-steach dhan phort.
Tha sin an uair sin nas tarraingiche do chòmpanaidhean agus do luchd-gnìomhachais.

Tha seo a' fàgail Saor-phort Inbhir Nis is Linne Chrombaigh ann an suidheachadh nas làidir a rèir àrd-oifigear na buidhne, Calum Mac a' Phearsain
Dh'innis Saor-phort Inbhir Nis is Linne Chrombaigh, a chaidh a stèidheachadh sa Ghiblean 2024, gun d'fhuair iad an inbhe seo do phort Bhàgh Neig.
Thuirt an t-Àrd-oifigeil aig an t-saor-phort, Calum Mac a' Phearsain, gum bi iad a' dèiligeadh le uidheamachd mhòr, throm airson cumhachd ath-nuadhachail agus chan ann ri rudan a leithid bìdhe is dibhe.
"Tha mi air leth toilichte airson a ràdh gu bheil inbhe làrach chusbainn againn shuas an seo aig Inbhir Nis is Linne Chrombaigh.
"Rud a tha math, tha e gar fàgail ann an suidheachadh làidir airson na daoine sin a thàladh le fios againn aig a' char as ìsle gu bheil na h-aon rudan tarraingeach a tha aig sgìrean eile.
"Ach cuideachd far a bheil e, 's dòcha, nas fhasa a dhol an sàs ann an obair ghnothachais", thuirt Mgr Mac a' Phearsain.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh18 Am Màrt 2024
- Air fhoillseachadh13 Am Faoilleach 2023