Faochadh chìsean nas fhaide aig Saor-Phort Uaine na Gàidhealtachd

Linne ChrombaighTùs an deilbh, Maree NicNeacail
  • Air fhoillseachadh

Thèid faochadh chìsean ann an Saor-phort Uaine Inbhir Nis is Linne Chrombaigh a leudachadh gu 2034.

Bha dùil bho thùs gum biodh am faochadh a' tighinn gu ceann ann an 2029.

Nochd molaidhean ann am Brath an Fhoghair aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gus leudachadh còig bliadhna eile a chur an sàs.

Thàinig dearbhadh Diluain gu bheil Riaghaltas na h-Alba air taic a chur ris na molaidhean sin.

Cha do thòisich na saor-phuirt fhathast, ach bidh e comasach dhaibh taraifean nas lugha agus brosnachadh cìse a thabhann gus gnothachasan a thàladh.

Thathas an dòchas gun tèid na mìltean de chosnaidhean a chruthachadh.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad glè thoilichte aonta a ruighinn le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte is gu bheil iad an dòchas gun tòisich pròiseact an t-saor-phuirt uaine cho luath 's a ghabhas.

A thuilleadh air Saor-phort Uaine Inbhir Nis is Linne Chrombaigh, thèid còig bliadhna a chur ri faochadh chìsean cuideachd ann an Saor-phort Uaine Linne Fhoirthe agus Sònaichean In-ionmhais ann an Glaschu is Ear-Thuath na h-Alba.