Saor-phort Uaine air tòiseachadh

- Air fhoillseachadh
Tha Saor-phort Uaine Inbhir Nis is Linne Chrombaigh a' tòiseachadh gu h-oifeigeil Diluain.
Tha dòchas ann gun tèid obraichean a chruthachadh ann an gnìomhachas chumhachd na gaoithe agus ath-nuadhachail, le buannachdan cìse an lùib a bhith an sàs san sgeama.
Chaidh an saor-phort uaine a stèidheachadh le cead bho Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.
Tha ceannardan an dùil gun cruthaich e còrr is 10,000 cosnadh sa cheann a tuath agus anns na h-eileanan, agus gun tarraing e £3bn dhan eaconamaidh.