Saor-phuirt uaine do Linne Chrombaigh is Linne Fhoirthe

  • Air fhoillseachadh
Port Linne ChrombaighTùs an deilbh, Getty Images/Abstract Aerial Art
Fo-thiotal an deilbh,

Port Linne Chrombaigh

Chaidh làraichean ann an Linne Chrombaigh agus Linne Fhoirthe a thaghadh airson na ciad shaor-phuirt ann an Alba a stèidheachadh.

Chaidh na tagraidhean a shoirbhich fhoillseachadh ann am brath-naidheachd bho riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba le chèile.

Bidh na raointean eaconamach sònraichte air an cruthachadh fo sgeama ris an do dh'aontaich an dà riaghaltas.

Bidh e comasach do na saor-phuirt taraifean nas lugha agus brosnachadh cìse a thabhann.

Bha còig làraichean air cur a-steach airson inbhe saor-phuirt, ach cha deach le tagraidhean Ear Thuath na h-Alba, Arcaibh agus Abhainn Chluaidh.

Bha aig gach làrach ri mìneachadh mar a bhiodh iad ag ath-bheòthachadh na sgìre aca, a' cruthachadh obraichean matha agus a' gluasad a dh'ionnsaigh eaconamaidh carbon-neòdrach.

'S e a' bhuidheann Forth Ports, leis a bheil seachd puirt air costa an ear na h-Alba, a bha an ceann tagraidh Linne Fhoirthe.

Tha iad a' tomhas gun gabhadh 50,000 dreuchdan matha sgileil a chruthachadh ann an cumhachd ath-nuadhachail, saothrachadh, connaidhean seasmhach agus obair togail.

Tha a' cho-bhannachd Opportunity Cromarty Firth - le cùl-taic bho Phort Linne Chrombaigh, Global Energy Group, Highland Resources agus Port Inbhir Nis - ag ràdh gum faodadh gun cruthaich iadsan 25,000 obraichean.

Chuir Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Raymond Bremner, fàilte air an naidheachd.

Thuirt e: "S e adhbhar dòchais a tha seo dhan Ghàidhtealchd airson an àm ri teachd. Tha sinn ann an suidheachadh làidir, deiseil agus deònach a bhith na phàirt chudromach de Ro-innleachd Seasmhachd Cumhachd na Rìoghachd Aonaichte agus a bhith am measg phrìomh àitichean an t-saoghail a thaobh cumhachd ath-nuadhachail.

"Dh'fhaodadh inbhe saor-phuirt agus na leasachaidhean a thig na chois atharrachadh mòr a thoirt air na trioblaidean eaconamach agus sòisealta a dh'fhuiling an sgìre. Bidh an cothrom mìorbhaileach seo gar cuideachadh ann a bhith a' gluasad gu inbhe càrbon neòdrach, a bhith a' cruthachadh obraichean matha ann an eaconamaidh uaine, agus ann a bhith ag ath-bheòtachadh choimhearsnachdan agus a' cur stad air crìonadh sluaigh aig a' cheart àm."