Ùghdarras Singilte Eileanach "nas fhaisge na bha e riamh"

An Comh. Pòl Steele
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Mgr Steele gun d' fhuair am pròiseact deagh mholadh bho Riaghaltas na h-Alba

  • Air fhoillseachadh

Thuirt ceannard Comhairle nan Eilean Siar gu bheil planaichean airson modail ùghdarrais shingilte dha na h-Eileanan Siar nas fhaisge air an coileanadh na bha riamh.

Bha Pòl Steele a' bruidhinn an dèidh do Riaghaltas na h-Alba £300,000 a thoirt dhan chomhairle airson na planaichean a thoirt air adhart.

Thèid an t-airgead a dh'ionnsaigh modailean a chruthachadh air mar a dh'obraicheadh siostam ùr.

Fo na molaidhean a th' ann, dheadh seirbheisean poblach na sgìre a lìbhrigeadh le buidheann a bheireadh Comhairle nan Eilean Siar, bòrd na slàinte, agus buidhnean taigheadais ri chèile airson a bhith nas èifeachdaiche agus airson cosgaisean a lùghdachadh.

"Saoilidh sinn gu bheil modail a ghabhas a leasachadh ann an compàirteachas anns na h-Eileanan Siar mu choinneimh cuid de dh'amasan Riaghaltas na h-Alba a thaobh ath-leasachadh na roinne poblaich," thuirt ceannard na Comhairle, Pòl Steele.

"Tha an fhreagairt a tha sinn a' faighinn bho Rùnaire a' Chaibineit agus Ministear an Ionmhais Phoblaich gu math deimhinneach, agus thuirt am Prìomh Mhinistear e fhèin aig coinneamhan a bh' againn o chionn ghoirid gur e seo an seòrsa pròiseict is dòigh-obrach a bu chòir dhuinn a bhith a' leasachadh 's a' toirt air adhart."

A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan sa Chèitean is Comhairle nan Eilean Siar a' comharrachadh 50 bliadhna, thuirt iar-cheannard CnES gun robh e follaiseach gum feumadh "dreach ur tighinn air Comhairle nan Eilean".

"Na cothroman a bh' aig a' Chomhairle - tha tòrr de na cothroman sin air an toirt bhuapa," thuirt Donnchadh MacAonghais.

"Taigheadas, tha buidheann eile an lùib sin, tha buidheann eile an lùib uisge.

"A' coimhead air adhart, chan eil teagamh sam bith nach fheum dreach ùr tighinn air Comhairle nan Eilean agus air an roinn phoblaich ann an Alba."

Thuirt Mgr MacAonghais gur e ùghdarras singilte an t-slighe air adhart.