Cumhachd Eilean Siar 'son 20% de dhà thuath-gaoithe a chur an làmhan eileanach

Cumhachd Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,

Coimheadaidh a' chompanaidh feuch dè an dòigh a b' fheàrr air an gluaisear am pròiseact air adhart

  • Air fhoillseachadh

Chaidh companaidh ùr a chur air bhonn sna h-Eileanan Siar airson planaichean a chruthaicheas "an tuath-gaoithe coimhearsnachd as motha san Rìoghachd Aonaichte" a ghluasad air adhart.

'S iad Comhairle nan Eilean Siar, Urras Steòrnabhaigh agus Urras Tuath-gaoithe Coimhearsnachd Mhuaitheabhail a tha air cùl Cumhachd Eilean Siar, a tha ag amas air 20% de dhà leasachadh gaoithe anns na h-Eileanan a chur ann an làmhan an t-sluaigh.

Tha na companaidhean air cùl nan leasachaidhean - Lewis Wind Power a thaobh Tuath-gaoithe Steòrnabhaigh is Eurowind 'son Tuath-gaoithe Uisenis - air leigeil fhaicinn roimhe gu bheil iad taiceil.

Thuirt Calum Iain MacÌomhair, manaidsear a' phròiseict, gun deach a' bhuidheann ùr a steidheachadh "gus beachdachadh air an dòigh a b' fheàrr an cumhachd a thoirt fo ùghdarras na coimhearsnachd."

B' ionnan 20%, ma thèid a choileanadh, agus 80MW de dhealan, a chruthaicheadh teachd-a-steach dhan choimhearsnachd.

Cha deach an dà leasachadh a thogail fhathast.

Tuath-gaoithe ann an LeòdhasTùs an deilbh, Getty Images

A' bruidhinn aig foillseachadh na companaidh ùire Dimàirt, thuirt Cathraiche Urras Steòrnabhaigh, Tormod MacÌomhair: "Feumaidh leasachaidhean mòra cumhachd buannachd dha-rìribh a thoirt do mhuinntir nan Eilean Siar.

"Chaidh cho-dhùnadh gur e an dòigh a b' fheàrr air sin a dhèanamh, gum biodh sealbh aig a' choimhearsnachd air earrainn susbainteachd den leasachadh.

"Tha a bhith a' cur air bhonn Cumhachd Eilean Siar na chlach-mhìle chudromach agus thogarrach a thòisicheas air cumadh a chur air pròiseact leasachaidh a th' air bhith na bhonn còmhraidh sna h-Eileanan Siar airson 25 bliadhna."

"Tòisichidh sinn air obair mhionaideach dìcheill iomchaidh a thaobh ghnothaichean laghail agus ionmhais feuch dè am modail a b' èifeachdaiche, agus airson làn-tuigse fhaighinn air eaconomachd a' phròiseict."

Thuirt Mgr MacÌomhair gun iarradh iad beachdan na coimhearsnachd an ceann ùine air mar a ghabhadh teachd-a-steach a' phròiseict a chosg.