Fianais ùr mu na bholcànothan a chruthaich Na h-Eileanan A-Staigh

Bha deasbad ann mu cò às a bha an làbha a chruthaich mòran de dh'eileanan a' chost an iar bho chionn 60 millean bliadhna a' tighinn
- Air fhoillseachadh
Dhearbh creag-eòlaichean gur e spreadhaidhean làbha à sgoltan ann an rùsg na Talmhainn às an tàinig cuid de dh'eileanan taobh siar na Gàidhealtachd mar a tha iad an-diugh gu bith.
Bho chionn 60 millean bliadhna bha àitichean mar an t-Eilean Sgitheanach, Muile, Eige agus Canaigh agus pàirtean de thìr-mòr beò le spreadhaidhean bholcànothan agus an làbha a bha a' sruthadh a-mach asta.
Bha luchd-saidheans ag aontachadh gur e an sruth làbha seo a chruthaich an tìr as aithne dhuinn an-diugh ach bha deasbad ann mu cò às an tàinig e.
Bha an Dr Jessica Pugsley bho Oilthigh Obar Dheathain os cionn a' phròiseict a bha a' sireadh fuasglaidh.
Thuirt i: "Airson còrr is 100 bliadhna bha luchd-saidheans a' deasbad an ann bho aon bholcàno a thàinig an làbha neo bho ghrunn sgoltaidhean mar a chì sinn ann an Hawaii agus Innis Tìle."

'S ann faisg air Bàgh Chailgairidh am Muile a fhuaireadh fianais mu na sgoltaidhean às an tàinig am magma a chruthaich cruth na tìre a chì sinn an-diugh
A-nis, tha na creag-eòlaichean aig Oilthigh Obar Dheathain air rannsachadh fhoillseachadh nach e spreadhadh bho aon bholcàno mòr a chruthaich na h-eileanan ach spreadhaidhean bho lìonra de sgoltaidhean san talamh.
Fhuair iad, airson a' chiad uair, fianais fhiosaigeach de sgoltadh bholcàno fìor aosta a sgaoil làbha dhan àrainneachd mun cuairt.
Tha an magma seo air a ghlèidheadh ann an làrach 5km de dh'fhaid faisg air Bàgh Chalgairidh ann am Muile
Thuirt an Dr Jessica Pugsley:"Tha a bhith a' lorg sgoltadh glèidhte coltach ri bhith a' lorg fosail dìneasair le craiceann air - tha e ag innse mòran a bharrachd dhuinn na làbha leis fhèin."
Chleachd sgioba Obar Dheathain teicneòlas modailidh 3D le drònaichean airson sealltainn càite an robh an làbha a' tighinn a-mach às an talamh bho chionn na milleanan de bhliadhnaichean.
Thuirt Dr Pugsley: "A bhith a' seasamh air feart a bha cho cudromach ann a bhith a' cruthachadh tìr na h-Alba - agus fios a bhith agad gun do spreadh e mar a bhios bholcànothan ann an Hawaii agus Innis Tìle an-diugh, tha e iongantach."