Dol-a-mach mì-shòisealta na thrioblaid an sgìre an Ràthaig Mhòir

Sgìre an Ràthaig MhòirTùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Thathar a' cur ìmpidh air daoine a tha a' fuireach ann an sgìre an Ràthaig Mhòir de dh'Inbhir Nis fios a chur air na Poilis gach turas a thig iad tarsainn air dol-a-mach mì-shòisealta.

Chaidh coinneamh a chumail mu na trioblaidean a th' air a bhith anns an sgìre o chionn ghoirid.

Thàinig luchd-còmhnaidh, oifigearan taigheadais o Chomhairle na Gàidhealtachd agus poilis còmhla a bhruidhinn mun t-suidheachadh. Thathar a' cumail a-mach gu bheil teaghlaichean le cloinn òig gu sònraichte a' fulang ri linn na th' air a bhith a' dol air adhart.

Thuirt neach-labhairt don Chomhairle gu bheil e gu math cudromach gun cùm muinntir an àite orra ag innse mu thachartasan sam bith mì-iomchaidh no ma tha dragh sam bith orra mu eucoir gum bu chòir fios a chur gu Poileas Alba.

Tha dùil ri coinneimh eile anns an Dàmhair.

Thuirt an comhairliche Tòraidheach Iseabail NicCoinnich, a tha a' riochdachadh sgìre Allt a' Mhuillinn, gu feumaiste rudeigin a dhèanamh ann an aithghearrachd.

Thuirt i gu bheil daoine a tha a' fuireach ann an sgìre an Ràthaig Mhòir air a bhith a' togail rudan leatha o chionn iomadach bliadhna. Tha i ag ràdh nach eil daoine a' fàireachdainn sàbhailte nan dachaighean, gu bheil dorsan air togalaichean fhlataichean nach eil tèarainnte agus gu bheil strainnsearan a' faighinn a-steach agus ag adhbhrachadh thrioblaidean.

Tha i ag ràdh gu bheil pàrantan gu sònraichte mì-thoilichte mu rudan a tha iad fhèin agus an fheadhainn òga aca a' faicinn agus a' cluinntinn - daoine a bhith gun mhothachadh no a' sabaid faisg air làimh mar eisimpleir.

Thuirt an t-Inspeactairr Pòl Mac an t-Sutharlannaich o Phoileas Alba gu bheil oifigearan tric air chuairt ann an sgìrean ionadail agus gum deadh oifigearan a bharrachd a chur a dh'àite sam bith far a bheil tachartasan a' dol air adhart.