Ceòlas: A' coimhead air adhart ris an "ath chaibideil"

Ionad-èisteachd aig Cnoc Soilleir
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh rùm gu leòr san t-seòmar-èisteachd ùr airson 200 duine

  • Air fhoillseachadh

Thathar a-nis a' coimhead air an "ath chaibideil de thuras Cheòlais" is iad a' comharrachadh 30 bliadhna.

Thàinig fàs mòr air a' bhuidhinn dhualchais san ùine sin agus iad an-diugh an sàs ann an cuirmean, oideachadh Gàidhlig agus gu leòr eile.

Tha obair leasachaidh mhòr a' dol an-dràsta aig dachaigh Cheòlais, Cnoc Soilleir ann an Dalabrog.

Tha seòmar cruinneachaidh le rùm gu leòr 'son 200 duine ga thogail, am measg eile.

Rinn stiùirichean Cheòlais moladh air an obair mhòr a rinn John Joe MacNèil gu h-àraid. Thòisich esan mar a' chiad cheannard aca bho chionn trì bliadhna, agus a tha a' leigeil seachad a dhreuchd.

Thuirt Cathraiche Ceòlas Uibhist, Iseabail NicAonghais: "Fo bhuaidh a cheannardais, chaidh riaghladh ro-innleachdail agus stiùireadh ionmhais làidir a chur an sàs, a' cur na buidhne ann an suidheachadh làidir agus tha e air mòran iomairtean ùra a chur ri prògram Cheòlais a tha a' sìor-fhàs."

Thuirt John Joe: "Tha e air a bhith na thoileachas a bhith ag obair le sgioba cho math – an luchd-obrach, am bòrd, a' chomataidh ionadail agus a' choimhearsnachd fharsaing.

"Tha mi a' guidhe gach soirbheachais do gach neach a tha an sàs san ath chaibideil de thuras Cheòlais."

Peigi Ann NicGilleMhaoil
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Peigi Ann NicGilleMhaoil air a bhith ag obair do Cheòlas fad iomadach bliadhna

'S e an ath cheum aca san t-slighe sin coimhead air mar as fheàrr a chleachdas iad na goireasan ùra a bhios ann, gu h-àraid an seòmar cruinneachaidh ùr - a thathas an dòchas a thèid fhosgladh an ath-bhliadhna.

Tha dithis le uallach airson plana a dhealbh gus a' bhuidheann a thoirt air adhart.

'S i Peigi Ann NicGilleMhaoil tè dhiubh. Tha i air a bhith ag obair do Cheòlas airson 17 bliadhna agus thèid i na Manadsair Obrachaidh Eadar-amail.

Tha i ag ràdh gu bheil i a' coimhead air adhart ri "caibideil ùr" agus na "cothroman agus na dùbhlain a tha romham".

Thuirt Peigi Ann: "Tha mi leis a' bhuidhinn agus tha mi deònach mo dhìorras a cho-roinn leis gach neach a tha an sàs ann – bhon sgioba luchd-obrach chun na coimhearsnachd nas fharsainge."

Shona Mhoireasdan

Tòisichidh Shona Mhoireasdan san dàrna dreuchd san Lùnastal mar a' chiad Stiùiriche Cruthachail a bhios aig Ceòlas.

Bidh i ag obair còmhla ri Peigi Ann, Stiùiriche Ealain Cheòlais, Iain Dòmhnallach, agus an luchd-obrach gus lèirsinn chruthachail na buidhne a chumadh agus a lìbhrigeadh.

Thuirt Shona: "Tha mi air bhioran togail air an dìleab iongantach a chruthaich Ceòlas thar an 30 bliadhna a dh'fhalbh.

"Tha mi a' coimhead air adhart ri bhith ag obair leis an sgioba gus prògraman inntinneach in-ghabhalach ùr-ghnàthach a chruthachadh a bhios a' comharrachadh agus a' neartachadh ar cultair agus ar coimhearsnachd Ghàidhlig."

Tha Shona an dòchas measgachadh de chòmhlain agus luchd-ciùil a thàladh a dh'Uibhist - a thuilleadh aig luchd-ciùil traidiseanta.

Chòrdadh e rithe cuideachd diofar thachartasan leithid dealbhan-cluich agus pròiseactan dannsa fhaighinn ann.

"S e goireas air leth a bhios ann. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil cothrom air leth againn daoine a tharraing a-steach agus barrachd a dhèanamh air feadh na bliadhna," thuirt i.