Dùbhlan "Die Mannschaft”

Arena ball-coise MunichTùs an deilbh, Reuters
  • Air fhoillseachadh

26 bliadhna bho chluich iad sa chiad gheama de Chupa na Cruinne san Fhraing an aghaidh Bhrasil, tha sgioba nàiseanta na h-Alba uair eile a' cur farpais mhòr eadar nàiseanta air a casan.

Coltach ri 1998, 's e geama duilich a tha air thoiseach orra ann am Munich, an aghaidh sgioba na Gearmailt.

Aon dhe na dùthchanan leis an eachdraidh agus clàr as fheàrr ann am ball-coise eadar-nàiseanta. Tha iad air an fharpais sa a bhuannachadh trì tursan mu thràth – co-ionann leis an Spàinn leis an àireamh thiotalan as motha ann an eachdraidh na farpais.

Chan eilear air a bhuannachadh bho 1996, ach bhon uairsin, tha iad air Cupa na Cruinne a thogail ann an 2014 – an ceathramh turas a tha iad air an duais a tha sin a thoirt dhachaigh leotha.

Tùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Thomas Müller a' togail Cupa na Cruinne ann an 2014.

Tha cruth beagan eadar-dhealaichte orra na làithean sa. Chan eil sgeul air rionnagan a leithid Bastian Schweinsteiger, Miroslav Klose agus Mesut Özil. Chan eil no air Mario Götze a fhuair an tadhal prìseil sin ann an 2014 an aghaidh Argentina, no air Philipp Lahm a thog an duais mar sgiobair air a shàilleibh.

Tha tòrr bruidhinn air a bhith ann air thoiseach air na farpaisean agus mun t-sunnd anns a bhei iad cuideachd. Cha do bhuannaich iad ach ceithir geamannan a-mach à 15 aig aon àm – sreath a dh’fhàg Hansi Flick gun obair goirid às a dhèidh. Bhon uairsin ge-tà tha Julian Nagelsmann air tighinn a-steach gus cùisean a shocrachadh agus an cur air an t-slighe cheart a-rithist.

Tùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Julian Nagelsmann aig a' choinneamh naidheachd ron gheama an aghaidh Alba

Seo a' chiad gheama farpaiseach aig na Gearmailtich bho thuit iad a-mach à Cupa na Cruinne ann an 2022 aig ìre nam buidhnean. Tha iad air 15 geama càirdeal a chluich bhon uairsin, a' dèanamh a' chùis air a leithid an Fhraing agus an Òlaind nam measg. Ged nach eil cuid de na rionnagan mòra bhon linn a dh’fhalbh ann, tha neart gu leòr sa sgioba gus an fharpais a thòiseachadh le brag!

Tha an t-seann eòlaiche, Thomas Müller, a' cluiche san ochdamh farpais mhòr aigeasan. Tha ceithir tadhail aigeasan an aghaidh Alba mu thràth sna geamannan mu dheireadh eadar na sgiobaidhean ann an 2014/15. Chan eil e a-riamh air tadhal fhaighinn aig farpaisean deireannach na Euros ge-tà.

Chan eil ach cola-deug ann bho thog Toni Kroos an Champions League airson an t-siathamh turas, sa gheama mu dheireadh aigeasan aig ìre cluba. Leig e seachad a bhith a' cluiche don sgioba nàiseanta aig deireadh Euro 2020, ach tha farpais mhòr na dùthcha fhèin air a thàladh air ais airson aon turas eile. Leigidh e seachad a dhreuchd cluiche gu tur às dèidh nam farpaisean sa, agus gu follaiseach miann làidir aige an dreuchd sin a thoirt gu ceann le duais eile na làimh.

Tùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Toni Kroos is e air an Champions League a' choisinn le Real Madrid.

Fear eile a dh’fhaodadh a bhith na chunnart, ‘s e Niclas Füllkrug aig Borussia Dortmund. Tha 11 thadhal aigeasan ann an 16 geamannan don sgioba nàiseanta – ged a tha coltas ann gur e Kai Havertz aig Arsenal a tha gu bhith air thoiseach air airson àite anns an loidhne-aghaidh.

Dh’fhaodadh na tha sin beagan de dh'uallach a chur air na h-Albannaich – cha bhiodh sin na iongnadh. Ach tha laigsean anns an sgioba seo cuideachd. Tha iad air co-dhiù aon tadhal a leigeil a-steach anns an 12 mu dheireadh aca aig farpaisean mòra. Tha coltas ann cuideachd gur e Manuel Neuer a thòisicheas eadar na puist – ‘s gun e ach air dà gheama a chluiche don sgioba nàiseanta bho bhris e a chas ann an 2022. Am bi esan leis an aon chomas 's a tha sinn air fhaicinn thar nam bliadhnaichean bhuaithe?

Tùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Steve Clarke agus Ché Adams aig campa treànaidh na h-Alba ann an Garmisch-Partenkirchen.

Sin ceist a bhios air loidhne-aghaidh na h-Alba, aon de dh’iomadh taghadh a bhios aig Steve Clarke ri dhèanamh.

An e Ché Adams a thòisicheas aig mullach na pàirce seach Lawrence Shankland agus Tommy Conway? Sin ‘s dòcha an suidheachadh as coltaiche.

Bidh ceistean ann cuideachd mun loidhne-dìon. A bheil Grant Hanley falainn gu leòr gus tòiseachadh? Agus an e Anthony Ralston no Ross McCrorie a bhios air a làimh dheis bhuaithe?

Ge bith cò an sgioba a thòisicheas do dh’Alba a-nochd, tha dùbhlan air thoiseach orra. Tha cothrom air thoiseach orra cuideachd ge-tà. Cothrom an cuid ainmean a stèidheachadh ann an leabhraichean eachdraidh na dùthcha mar a' chiad sgioba Albannach gus adhartas a dhèanamh às a' bhuidhinn aca. Rud a bheireadh toileachas mòr do dhùthaich a tha air a bhith ùine mhòr a' feitheamh airson a leithid.