Tha na dealbhan sa Phost

Declan Friel agus am bhan-puistTùs an deilbh, Declan Friel
  • Air fhoillseachadh

Tha neach-puist anns an Eilean Sgitheanach air a bhith a’ togail dhealbhan de sgìre Ealaghoil fhad 's a tha e a' dol timcheall an àite le litrichean agus parsailean.

Ghluais Declan Friel gu Loch Aillse ann an 2023 bho Ghlaschu agus ghabh e obair mar phost sgìre Ealaghoil anns an t-Srath.

Tha e an dòchas na dealbhan aige a thaisbeanadh ann an àiteachan timcheall an eilein.

Tùs an deilbh, Declan Friel

"Ghluais mi an seo bhon bhaile mhòr agus bha mi ag iarraidh obair fhaighinn anns a’ choimhearsnachd dhùthchail," thuirt Declan, "agus abair sgìre bhrèagha, le seallaidhean brèagha, agus daoine brèagha!"

"Chan eil aon là anns an obair seo mar là eile: aon là tha mi a’ sàbhaladh uain à dìg, agus an ath là tha mi fhèin agus mo bhàn stuigte anns an aon dìg.’

Tùs an deilbh, Declan Friel

Tha na dealbhan aige a’ taisbeanadh nan seallaidhean air an rathad bhon Àth Leathann gu Ealaghol.

"Tha e na urram dhomh a bhith a’ coinneachadh dhaoine air mo chuairt-puist, agus na thlachd mòr a bhith a’ cluinntinn an cuid sgeulachdan," thuirt e.

An aon rud a tha dhìth air 's e piseag bheag bhreac a bhith aige, dìreach mar Phàdraig còir!

Tùs an deilbh, Declan Friel