An Glen Sannox air ais ann an seirbheis

An Glen SannoxTùs an deilbh, PA
  • Air fhoillseachadh

Thill an MV Glen Sannox gu seirbheis Didòmhnaich às dèidh mar a chaidh sgàin na slige a chàradh.

Chaidh lorg fhaighinn air an trioblaid Dihaoine is am bàta ùr aig CalMac ga toirt a-mach à seirbheis.

Rinn dàibhearan sgrùdadh oirre Disathairne is chaidh obair càraidh a dhèanamh an uairsin gus an sgàin a chur ceart.

Dh'fhàg i Brodhaig aig 2:50f Didòmhnaich is i air ais ann an seirbheis.

Thuirt CalMac gun robh aithrisean gun do bhuail am bàta sa chala is gun robh uisge ag aoidion a-steach gu deic nan càraichean "gu tur cearr".

Thuirt iad ge-tà, gun robh "ìre glè bheag de dh'uisge" air faighinn a-steach aig cùl an t-soithich.

Thòisich an Glen Sannox air an t-slighe eadar an Truthail agus Eilean Arainn san Fhaoilleach, bliadhnaichean air dheireadh is fada seachad air a' bhuidseat a bh' ann bho thùs.