Ceannard Cheòlais a' leigeil dheth a dhreuchd

- Air fhoillseachadh
Tha Ceannard Cheòlais John Joe MacNèill air innse gu bheil e a' leigeil dheth a dhreuchd.
Bha Mgr MacNèill, à Barraigh, anns an obair bhon Iuchar 2022.
B' e a' chiad cheannard a bh' air a' bhuidhinn.
Tha John Joe MacNèill aithnichte mar sheinneadair, agus mus deach e gu Ceòlas, bha ag obair ann an roinn an fhoghlaim fad grunn bhliadhnaichean is bha e na cheannard air Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abair nuair a dh'fhosgail i.
Thuirt Mgr MacNèill air na meadhanan sòisealta gu bheil "cuairt eile air fàire le caibideal ùr a' fosgladh nam bheatha."
Tha e ag ràdh gun robh e na thlachd a bhith ag obair còmhla ri sgioba air leth - an luchd-obrach, am bòrd, a' chomataidh ionadail agus a' choimhearsnachd.
Thuirt e gun d' fhuair iad air mòran a dhèanamh agus gu bheil Ceòlas ann an "deagh àite."
Dh'innis e cuideachd gum bi e ag obair dhan bhuidhinn air a' cheann fhèin airson grunn mhìosan - agus gum bi e a' cur ri obair Cheòlais anns an àm ri teachd.
Tha e ag ràdh gum bi fòcas nas motha aige air ceòl agus pròiseactan cruthachail agus gum bi e os cionn a bhith a' cruthachadh iomairt ùire - Còisir Òigridh Ghàidhlig Nàiseanta na h-Alba (CGNA).