£4m à Fèis Cheilteach Innse Gall na bliadhna seo don choimhearsnachd
- Air fhoillseachadh
Thug Fèis Cheilteach Innse Gall 2024 £4m a-steach don eaconomaidh ionadail ann an Leòdhas is na Hearadh.
Fhuair aithisg gun tuirt 67% de luchd-tadhail gur e an fhèis "an aon adhbhar" no "am prìomh adhbhar" a thadhail iad air Leòdhas is na Hearadh.
Thuirt 24% gun robh an turas aca cuideachd airson tadhal air càirdean is caraidean.
Ghabh Fèis Cheilteach Innse Gall àite sa Ghearraidh Chruaidh ann an Steòrnabhagh eadar Diciadain 17mh agus Disathairne 20mh Iuchar, 's 17,800 duine a' tadhal air.
Tha an £4m a thathas a' tomhas a chuir an fhèis ris an eaconomaidh am-bliadhna a' fàgail gun do chuir an fhèis £38m ris an sgìre thairis air an 27 bliadhna a tha i air a bhith a' dol.
Chuir luchd-tadhail ochd làithean seachad ann an Leòdhas is na Hearadh sa bhitheantas,
Thathas an dùil ri fèis shoirbheachail an ath-bhliadhna cuideachd, agus na ticeadan air an robh cothrom ann a cheannach tràth uile air an reic san Lùnastal.