Rannsachadh poblach ga iarraidh mu rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm

Rèile-beinne a' Chàirn GhuirmTùs an deilbh, GETTY IMAGES
  • Air fhoillseachadh

Dh'iarr ball-pàrlamaid Albannach gum biodh rannsachadh poblach ann air mar a thathas air a bhith a' feuchainn ri rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm a chàradh.

Bha am ball Tòraidheachd air a' Ghàidhealtachd, Eideard Mountain, a' coinneachadh ri àrd-oifigear ionad sgithidh a' Chàirn Ghuirm an t-seachdain seo chaidh, agus esan ag ràdh nach eil càil a dh'fhios aig duine cuin a dh'fhosglas an rèile-beinne às ùr.

Tha e air a bhith dùinte bho shamhradh an-uiridh, le trioblaidean teicnigeach, às dèidh a bhith fosgailte beagan mhìosan a-mhàin - agus i dùinte ceithir bliadhna ron sin.

Thuirt Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, leis a bheil an rèile, gun tig fios bhuapa cho luath 's a ghabhas air dè suidheachadh a th' ann leis an rèile.