Luaidh ga dhèanamh air Denis Law
- Air fhoillseachadh
Tha gu leòr den bheachd gur e Denis Law an cluicheadair a b'fheàrr a bh' aig Alba a-riamh.
55 ceap agus 30 tadhal don dùthaich aige ach cha b' ann air sgàth sin a-mhàin a choisinn am balach à Obar Dheathain tiotal "An Rìgh".
B' e fear dhe na seann-ghaisgich aig luchd-taic Mhanchester United - gun teagamh sam bith bha e am measg nan cluicheadairean a bu shoirbheachaile aca.
Chuir e 237 tadhail dhaibhsan ann am barrachd na 400 geama, chuir e tadhal don Sgioba "The Rest of the World" an aghaidh Shasainn aig Pàirce Wembley agus bhuannaich e am Ballon d'Or ann an 1964 - an duais don chluicheadair as fheàrr san Roinn Eòrpa aig an àm.
B' e an aon Albannach a choisinn a leithid agus tha cuid den Arm Thartain air a bhith a' cuimhneachadh air cho math 's a bha "An Lawman".
"Cha robh cluicheadair againn cho math ris" thuirt Mata MacÌomhair, neach-taic na h-Alba air Spòrs na Seachdain, madainn Disathairne.
"'S e a' chuimhne as fheàrr a th' agamsa air a' phàirce 's e a bhith aig Hampden ann an 1966 is sinn a' cluich an aghaidh Sasainn" thuirt e.
"Bha breab-oisinn againn agus tha mi a' smaoineachadh gur ann bho Willie Johnston a thàinig i bhon làimh chlì agus an àrd dhan na speuran nochd Law 's chaidh am ball mar pheilear seachad air Gordon Banks." thuirt Mata.
"Ach cha b' e sin a b' fheàrr idir ach an uair sin a ghàirdean. A ghàirdean a' dol suas - tha cuimhne agam cho soilleir ri soilleir air an tadhal a bha sin.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil dà phrìomh chuimhne agam air" thuirt Coinneach MacMhathain, a bha na stiùiriche aig Obar Dheathain.
"Ann an 1967, bliadhna às dèidh do Shasainn Cupa na Cruinne a bhuannachadh, rinn Alba an gnothach, mar a tha cuimhne againn uile no fios againn uile co-dhiù, 3-2 agus chuir Denis aon den na tadhail sin" thuirt Coinneach.
"An dàrna cuimhne 's e nuair a chuir e an tadhal gu ìre mhòr a chuir Manchester United sìos dhan dàrna roinn le "backheel" ann an 1974" thuirt Coinneach MacMhathain.
Cha do chuir Law a ghàirdean suas mar bu dual dha air an là sin - chuir e tadhal an aghaidh United, a sheann chluba, do Mhanchester City.
Bha United ann an cunnart tuiteam a-mach às a' Phrìomh Lìg agus bha Law den bheachd aig an àm gun do chuir an tadhal sin na Red Devils sìos.
"Bha mi fhìn agus e fhèin aig dìnear sònraichte a chaidh a chuir air dòigh le Oilthigh Obar Dheathain airson daoine a bh' air ceum le urram fhaighinn" thuirt Mata MacÌomhair.
"Nuair a chaidh mi a-steach agus nuair a chunnaic mi ris a' phlana airson na bùird, cò bha a' suidhe ri mo thaobh ach Denis Law. Agus thug sinn fad na h-oidhche a' bruidhinn.
"Gu h-inntinneach, bha an ceangal eadar e fhèin agus Obar Dheathain - baile Obar Dheathain - a' tighinn troimhe cho làidir - bha e cho pròiseil mu dheidhinn" thuirt Mata.
"Nuair a thòisich e a' bruidhinn mu Obar Dheathain, tha deagh chuimhne agam, bhrist e sìos.
"Cha robh e gu math aig an àm sin ach bha ceangal làidir aige ri Obar Dheathain." thuirt Mata MacÌomhair