Dealan air a chall is seirbheisean còmhdhail dheth ri linn Stoirm Éowyn
- Air fhoillseachadh
Chaill na mìltean de dhachaighean an ceann a deas, meadhan agus cost an iar na h-Alba cumhachd an dealain agus stoirm mhòr Éowyn air bualadh air an dùthaich.
Chaidh Rabhadh Dearg a chur a-mach do mheadhan na h-Alba, taobh a-muigh.
Thuirt Oifis na Sìde gum faodadh a' ghaoth a bhith cho mòr ri 100 m.s.u. air a' chosta an iar le cunnart do bheatha le sprùilleach a' falbh bho thoglaichean agus loidhnichean dealain a' tuiteam.
Thathar a' tomhas gun do chaill 100,00 dachaigh cumhachd an dealain.
Thuirt a' chompanaidh SSEN gun robh a dheich uimhir de sgiobaidhean èiginn aca deiseil nan àbhaist airson dèiligeadh ri buaidh na stoirme, agus gun tug iad comhairle do 170,000 luchd-cleachdaidh air mar bu chòir dhaibh ullachadh air a son.
Chaidh seirbheisean aiseig, adhair agus rèile a chur dheth air feadh Alba.
Tha sùil ga cumail air cabhsairean nan Eilean Siar air fad agus rabhadh ann mu chunnart bho thuiltean Dihaoine is Disathairne.
Chaidh Cabhsair Èirisgeigh a dhùnadh feasgar Dihaoine.
Bha sgoiltean is sgoiltean-àraich uile nan Eilean Siar is Earra-Ghàidheal is Bhòid dùinte, mar a bha sgoiltean anns na sgìrean far an robh rabhadh dearg.
Bha sreath de sgoiltean an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd dùinte, taobh a-muigh.
Dhearbh Comhairle Mhoireibh gun robh na bun-sgoiltean aca a' dùnadh tràth aig 1.30f. Tha na h-àrd-sgoiltean a' dùnadh tràth Dihaoine co-dhiù.
Chaidh Rabhadh Dearg a chur an sàs airson Èirinn a Tuath air fad agus tha na mìlltean an sin air seirbheisean dealain a chall.
Chaidh na mìltean mòra fhàgail gun chumhachd ann am Poblachd na h-Èireann.
Tha Poileas Alba a' cumail taic ri daoine a bha còir a bhith a' siubhal air bàta-aiseig, agus dh'iarr na h-ùghdarrasan air dràibhearan gun a bhith a' siubhal gus an tig piseach air an t-sìde.
Thuirt ScotRail nach biodh e "sàbhailte na seirbheisean aca do luchd-siubhail a ruith" air sgàth na sìde garbh, agus cunnart ann gun tigeadh spruilleach air loidhnichean agus gum bi trèanaichean air an glacadh.
A rèir an fhir-naidheachd siubhail, Simon Calder, tha suas ri 300 seirbheis adhair an Alba air an cur dheth Dihaoine, a' toirt buaidh air 20,000 luchd-siubhail.
Dhearbh CalMac gun deach na seirbheisean uile aca a chur dheth Dihaoine, agus thuirt Northlink gum bi seirbheisean air na slighean acasan air an cur dheth neo bhiodh dàil orra.
Taobh a-muigh sgìre an Rabhaidh Dheirge, tha an còrr de dh'Alba le rabhaidhean òmar agus buidhe a tha a' leantainn Disathairne.
Tha grunn rabhaidhean an sàs is a' toirt buaidh air sgìrean air feadh na dùtcha.
Gheibhear am fiosrachadh as ùire an seo, taobh a-muigh.