Grunn mholaidhean sàbhailteachd air tighinn à rannsachadh FAI
- Air fhoillseachadh
Tha rannsachadh FAI mu bhàs boireannaich a chaidh a bhualadh le cas làraidh air a' Ghàidhealtachd air grunn cheumannan sàbhailteachd a mholadh.
Chaochail Chloe Mhoireasdan, 26, nuair a chaidh a bualadh le cas stèidheachaidh na làraidh is i a' coiseachd còmhla ri a màthair air cabhsair ri taobh an A82 faisg air Druim na Drochaid san Dàmhair 2019.
Chaidh binn 100 uair de thìde de dh'obair neo-phàighte a chur air dràibhear na làraidh, John O'Donnell, às dèidh dha a bhith air fhaighinn ciontach gun do dh'adbharaich e a bàs le bhith a' dràibheadh gun chùram.
Chaidh cuideachd a chasg bho bhith a' dràibheadh fad bliadhna.
Chuala rannsachadh FAI ann an Inbhir Nis mar a bha an tubaist air buaidh a thoirt air teaghlach Chloe.
Tha an Siorraidh Ian Cruickshank a-nise air moladh gun dèan dràibhearan làraidh barrachd trèanaidh gus dèanamh cinnteach gu bheil casan stèidheachaidh ann an àite mar bu chòir mus falbh iad air turas.
Bu chòir sgrùdadh làitheil a bhith ann air an uidheamhachd, thuirt e, is gum bi e air a chlàradh.
Thuirt e cuideachd gum bu chòir do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte coimhead ri reachdas a thoirt a-steach gus am biodh siostaman rabhaidh air làraidhean le casan stèidheachaidh, a dh'innseadh nuair nach robh iad air an cumail ann an àite mar bu chòir.
Bu chòir coimhead, thuirt e, air seo a chur an sàs ann an làraidhean a tha mar tha ann an seirbheis a bharrachd air feadhainn ùra.