Milleadh air cidhichean aiseig Ìle
- Air fhoillseachadh
Rinn Stoirm Éowyn milleadh air cidhichean Cheann na Creige air tìr-mòr Earra-Ghàidheal agus Port Ilein ann an Ìle.
Thuirt CalMac gum biodh an t-seirbheis sin dheth an còrr den là Disathairne air a' char as lugha gus an gabh an càradh.
Tha seirbheisean eadar an t-Òban, Colbhasa, Port Asgaig agus Ceann na Creige cuideachd dheth Disathairne, ged nach eil aithrisean ann gun deach milleadh a dhèanamh aig Port Asgaig - an dàrna port-aiseig ann an Ìle.
Cuideachd dheth tha seirbheisean eadar Àird Rosain agus Brodhaig ann an Eilean Arainn.
Tha an stoirm air milleadh a dhèanamh air an alt-aiseig san Truthail ann an Siorrachd Àir, agus tha sin a' fàgail seirbheisean eadar an Truthail agus Brodhaig dheth cuideachd gus an gabh sin càradh.
Thuirt CalMac , taobh a-muighgum feumar sgrùdadh a dhèanamh air na cidhichean nuair a cheadaicheas an aimsir.