Na breugan is mealltairean a chuir sùilean na dùthcha air a' Ghàidhealtachd

Claudia Winkleman
  • Air fhoillseachadh

Cò chreideadh gum biodh na milleanan mòra air feadh na Rìoghachd Aonaichte a' tighinn cruinn air beulaibh an telebhisein air oidhcheanan fuara an Fhaoillich is iad air am beò-ghlacadh gu tur le gach car ann an caisteal air a' Ghàidhealtachd?

Glè bheag, tha fhios, mus an do thòisich am prògram ainmeil Na Traoidhtearan air a' BhBC ann an 2022.

Tha am prògram stèidhichte ann an Caisteal Àird Rois faisg air Alanais, caisteal a chaidh a thogail san 19mh Linn do Sir Alasdair MacMhathain.

Bha esan air fortan a dhèanamh anns an Àird an Ear a' reic opium ann an companaidh uncail, Sir Seumas MacMhathain, an duine a cheannaich Eilean Leòdhais is a thog an caisteal aige fhèin ann an Steòrnabhagh.

'S fhada bho chaidh an cleòca a thoirt far obair companaidh an teaghlaich anns na làithean bho shean, ach tha rudan dìomhair, carach is meallta a' dol fhathast ann an caisteal Sir Alasdair air Taobh Sear Rois.

Caisteal Àird RoisTùs an deilbh, BBC / Studio Lambert

Mura h-eil sibh air Na Traoidhtearan fhaicinn, tha buidheann de dhaoine stèidhichte sa chaisteal is miseanan aca mar sgioba feuch airgead a bhuannachadh.

Ach nam measg tha cuid a tha a' feuchainn ri cleith gur e traoidhtearan a th' annta a tha airson an t-airgead a ghoid air a' cheann thall bhon fheadhainn eile, na Dìlsich.

Fhad 's a dh'fheuchas na Dìlsich ri dèanamh a-mach cò nam measg a tha ri cuilbheart, tha na Traoidhtearan gam murt.

Sìmplidh gu leòr, shaoileadh tu, agus garbh fhèin tarraingeach. Tha am BBC air innse gu bheil còrr is 10 millean duine air a bhith a' coimhead tron treas sreath, barrachd fiù 's na bha san dà shreath a bh' ann gu seo.

Ach carson?

Muriel Urchadan
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Muriel Urchadan garbh measail air a' phrògram

"Tha a h-uile càil a th' ann mu dheidhinn a' còrdadh rium," tha Muriel Urchadan ag ràdh.

"Cha mhòr nach eil e coltach ri social experiment seach geama ceart.

"Tha e diofraichte is tha e annasach. Cha chaomh leam mar as trice rudan mar gameshows ach 's e an àrainneachd anns an deach an rud a chlàradh, cho brèagha 's a tha e, agus Claudia Winkleman - na rudan a bhios oirre is tha i dìreach èibhinn, agus an geama fhèin, tha e dìreach inntinneach mar a bhios daoine ag obair le chèile agus a' dol an aghaidh a chèile."

Tha Evie Mhoireasdan à Inbhir Nis air sin fhaicinn i fhìn.

Bha Evie na dìlseach san dàrna sreath is i a' ruighinn a' phrògraim mu dheireadh mus deach a cur a-mach.

"Bha e trom!" dh'innis i do BBC Naidheachdan.

"Canaidh daoine nach eil ann ach geama ach bidh thu a' fàs faisg air an fheadhainn eile.

"Tha an geama doirbh cuideachd ach 's e rud sònraichte a bh' ann a bhith nam phàirt dheth."

Evie Mhoireasdan
Fo-thiotal an deilbh,

Evie Mhoireasdan à Inbhir Nis a ghabh pàirt anns an dàrna sreath de Na Traoidhtearan

Tha deasbad air a bhith ann mun bhuannachd dhan Ghàidhealtachd fhèin air a' cheann thall le cuid air ceistean a thogail mu cia mheud às an sgìre a tha an sàs sa phrògram.

Chanadh feadhainn cuideachd, 's dòcha, gu bheil puing nas fharsainge ann an e dha-rìribh rud math a th' ann gu bheil na milleanan air am beò-ghlacadh le rudeigin stèidhichte air breugan is foill.

Ceist eile a tha sin.

Aig an dearbh àm, chuir Na Traoidhtearan a' Ghàidhealtachd fa chomhair nam milleanan mòra ann am Breatainn agus cuideachd anns na Stàitean Aonaichte (le Caisteal Àird Rois ga chleachdadh sa phrògram Aimeireaganach cuideachd).

Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha Anndra MacFhionghain againn fhìn - na chleòca - air a bhith a' trusadh bheachdan air Na Traoidhtearan

Tha companaidhean siubhail air innse gu bheil àrdachadh mòr san ùidh a th' aig daoine ann an Alba is a' Ghàidhealtachd nuair a tha am prògram air.

Tha Evie cinnteach às gu bheil e a' dèanamh feum.

"Bha e cho snog dhomhsa a bhith a' faicinn an tlachd a bha a h-uile duine - na farpaisich eile agus an criutha - a' fàighinn às a' Ghàidhealtachd.

"Tha mi cho moiteil às na th' againn air a' Ghàidhealtachd - dhomhsa 's e fear de na h-àitichean as fheàrr a th' ann a bhith a' fuireach san Rìoghachd Aonaichte.

"A bhith a' faicinn a h-uile duine a bhith a' tuiteam ann an gaol leis an àite, bha sin gu math sònraichte".

Krisell Dhòmhnallach
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Krisell Dhòmhnallach air a bhith a' coimhead a' phrògraim bhon fhìor-thoiseach

'S e a' cheist mhòr a-nise an cuir na Dìlsich ruaig air na Traoidhtearan no an e muinntir nan cleòcan a dh'fhalbhas leis an airgead.

"Bha mise an-còmhnaidh 100% dìlseach!" tha Evie ag ràdh le gàire.

"Mar sin, b' fheàrr leam gun dèanadh na Dìlsich an gnothach ach tha na Traoidhtearan a' cluich geama fìor mhath - chì sinn."

Agus às b' i dè thachras sa chuairt dheireannaich oidhche Haoine, tha a h-uile coltas gum bi am prògram air ais 'son sreathan eile.

"Chan eil prògam sam bith eile air an telebhisean mar Na Traoidhtearan," thuirt Krisell Dhòmhnallach, a tha air a bhith fìor mheasail air a' ghnothach bho thùs.

"Tha mi a' smaoineachadh cho fad 's gun lean na daoine a tha a' riochdachadh a' phrògraim le beachdan ùra gach bliadhna - agus gu ruige seo tha sin air a bhith a' tachairt - gun lean am prògram seo airson bhliadhnaichean san àm ri teachd.

Tha Na Traoidhtearan ri fhaicinn air BBC1 is air iPlayer a' BhBC is am prògram mu dheireadh ann oidhche Haoine aig 8:30f.

Claudia Winkleman