Dòchas gun cuir slighean ùra ri fàs rothaireachd beinne an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh
Dh'fhosgail slighean ùra rothaireachd beinne aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis Disathairne is dòchas ann gum brosnaich iad daoine 'son a dhol an sàs sa spòrs.
Tha trì slighean fa leth ann air làraich ri taobh phàircean spòrs na sgoile.
Tha an sgoil air oidhirp mhòr a dhèanamh a thaobh rothaireachd anns na bliadhnaichean mu dheireadh.
Chaidh hub sònraichte a stèidheachadh ann an 2018 leis an amas rothaireachd a bhrosnachadh am measg sgoilearan is an teaghlaichean agus sa choimhearsnachd ionadail san fharsaingeachd.
Bhon uairsin tha iad air àrdachadh susbainteach fhaicinn anns na th' ann de sgoilearan a tha a' tighinn dhan sgoil air baidhseagal.
'S i tè de thidsearan PE na sgoile, Jane Shiosalach, a tha air a bhith gu mòr an sàs anns na leasachaidhean is i air a bhith ag obair fad grunn bhliadhnaichean gus na slighean ùra a chur air air dòigh.
Fhuaireadh £40,000 roimhe bho Riaghaltas na h-Alba, taobh a-muigh is taic cuideachd air tighinn bho Chomhairle na Gàidhealtachd.
Leis an airgead ann an àite, 's e Ronan Taylor bhon chompanaidh Raylors Trail Design san Eilean Dubh a rinn an obair fhèin air na slighean anns na mìosan mu dheireadh.
"Rinn Jane gu sònraichte obair mhòr, mhòr gus am pròiseact seo a thoirt gu buil," thuirt Ronan.
"Thòisich sinn an obair-togail fhèin as t-fhoghar is tha sinn air ar dòigh".
'S e am plana gun tèid na slighean ùra a chleachdadh le sgoilearan tron là is gum bi cothrom aig coidsichean is muinntir na coimhearsnachd orra air an oidhche is aig an deireadh-sheachdain.
"Bhithinn air a bhith air mo dhòigh nam biodh rudeigin mar seo agam nuair a bha mi san sgoil," tha Ronan ag ràdh.
"Bidh e ann dhan sgoil ach cuideachd dhan choimhearsnachd agus 's e toiseach-tòiseachaidh math a thaobh rothaireachd beinne.
"Chan eil feum air baic spaideil is faodaidh daoine aig ìre sam bith fheuchainn.
"Tha e sa bhaile ach tha sinn an dòchas gum faigh daoine blas air a shon is gun tèid iad a-mach dha na cnuic," thuirt e.