Leisgeul ga thabhainn 'son drochaid-aiseig bhriste Steòrnabhaigh

- Air fhoillseachadh
Tha Ùghdarras Port Steòrnabhaigh air leisgeul a thabhainn air luchd-siubhail airson na buaidhe a tha an drochaid-choise bhriste a' toirt orra.
Tha iad air innse gum bi an ath-bhliadhna ann mus tèid a cur ceart agus aig luchd-coiseachd ri dhol air bòrd an MV Loch Seaforth agus a thighinn dheth tro dheac nan càraichean ann an Steòrnabhagh.
"'S e fàiligeadh a th' ann air rud a tha critigeach a thaobh sàbhailteachd," thuirt Àrd-Oifigear an Ùghdarrais, Ailig MacLeòid.
"Chan eil e furasta na pàirtean a tha a dhìth fhaighinn.
"Agus a thuilleadh air sin bha mòran a bharrachd milleadh structarail ann - mar sin dheth chan e càradh sìmplidh a bhios ann.
"'S e obair-càraidh gu math mòr a th' ann agus bheir e ùine 'son fuasgladh fhaighinn.
"A thuilleadh air sin feumaidh sinn coimhead ri fuasglaidhean eile a-niste, dh'fhaodadh gum bi siostaman nas sìmplidhe nas fheàrr dhan a h-uile duine," thuirt e.
Tha an t-ùghdarras ag aideachadh nach eil an suidheachadh mar a bu chòir, agus tha iad mothachail air a' bhuaidh a tha seo a' toirt air luchd-siubhail.
"Chan urrainn dhuinn ach leisgeul a thabhainn," thuirt Mgr MacLeòid.
"Tha sinn a' tuigsinn gu bheil seo mì-ghoireasach, agus gu bheil fadachd air daoine fuasgladh fhaicinn.
"Ma tha daoine 's dòcha aig a bheil duilgheadas a' feumachdainn cuideachaidh, iarradh iad sin air CalMac. Tha CalMac gu math deònach na daoine seo a chuideachadh leis na bagannan aca.
"Tha sinn a' coimhead ri siostaman eile, leithid bhanaichean airson bagannan a ghiùlain, ach chan eil e cho sìmplidh sin, 's tha mòran na lùib.
"Chanainn cuideachd gun bheil lioftaichean air bòrd an t-soithich a dh'fhaodas daoine a chleachdadh, agus a thaobh daoine a bhith a' coiseachd air 's far a' bhàta tha staidhrichean agus lioftaichean an sin ann an suidheachadh sam bith," thuirt e.