Iomairt taigheadais ùr an Eilean Luinn

Eilean LuinnTùs an deilbh, ROB FARROW/GEOGRAPH
Fo-thiotal an deilbh,

Tha taic dhaoine aig a bheil dàrna dachaigh an Eilean Luinn ga shireadh agus àitichean-còmhnaidh cho gann

  • Air fhoillseachadh

Thòisich pròiseact ùr ann an Eilean Luinn an Earra-Ghàidheal airson cuideachadh le cho gann sa tha taighean sa sgìre.

Tha duilgheadas air a bhith aig cuid taighean agus fearann aig prìs reusanta a lorg, agus tha dragh ann nach eil na seann taighean ann an Cùlapol agus Tobar Dhonnchaidh freagarrach do theaghlaichean sa latha a th' ann.

Tha am pròiseact ‘Homes for Luing’ aig iarraidh air daoine aig a bheil dàrna dachaigh ann beachdachadh air cuideachadh gus piseach a thoirt air suidheachadh an taigheadais.

Tha iad cuideachd ag amas air bun-sgoil an eilein a shàbhaladh bho bhith a' dùnadh uile gu lèir.

Bun-sgoil Eilein LuinnTùs an deilbh, PATRICK MACKIE/GEOGRAPH
Fo-thiotal an deilbh,

Thèid oidhirp a dhèanamh bun-sgoil an eilein a chumail fosgailte

'S e cathraiche Comhairle Choimhearsnachd Luinn, Innes MacCuithein.

"Tha tòrr thaighean ann nach eil air an cleachdadh ach 's dòcha beagan sheachdainnean sa bhliadhna, agus cuid dhiubh nach tèid a chleachdadh idir.

"Tha sinn ag iarraidh air daoine leis a bheil iad beachdachadh air an leigeil a-mach air màl airson ùine fhada, no fiù's an taigh a reic aig prìs a tha reusanta," mhìnich e.

Fhuair suirbhidh taigheadais a rinn iad an-uiridh leis an Urras Choimhearsnachd gun robh e soilleir gun robh teaghlaichean airson gluasad chun an eilein no fuireach ann ach nach robh dachaighean ann a tha a' freagairt orra.

Tha iad cuideachd ag iarraidh air daoine le fearann beachdachadh air làrach airson taighean aig prìs reusanta a reic.

Thuirt Mgr MacCuthein gu bheil e deatamach daoine a tharraing chun an eilein airson a' bhun-sgoil, a tha an-dràsta dùinte rè ùine, a ghlèidheadh.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Agallamh le cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Luinn, Innes MacCuithein.