Geamaichean Uibhist a Tuath ann an cunnart
- Air fhoillseachadh
Tha dragh ann nach tèid Geamaichean Uibhist a Tuath air adhart am-bliadhna ri linn cion luchd-taice.
Bidh coinneamh èiginneach aig comataidh nan geamaichean oidhche Mhàirt.
Thuirt Keith Dòmhnallach, a th' air a' chomataidh, air Aithris na Maidne Diluain: "Às aonais barrachd taice, cha tig Geamaichean Gàidhealach Uibhist a Tuath air adhart gu mì-fhortanach.
"Seo a-nis an dàrna bliadhna a th' air a bhith againn ri coinneamh èiginneach a chur air dòigh, agus chan eil àireamhan a' tighinn gu coinneamhan airson 's gun urrainn dhuinn taghaidhean agus rudan a dhèanamh a' dol adhart, agus tha tòrr de dhaoine air ceum a ghabhail air ais bhon chomataidh cuideachd.
"Chan eil sinn ann an staid uabhasach làidir airson na geamaichean a chur air dòigh."
Bha e ag ràdh gun robh ochdnar gan cuideachadh an-uiridh ach gum feum iad "an àireamh sin a-rithist" no "grunn a bharrachd" airson an gnothach a chumail a' dol.
Bha còir aig na geamaichean a dhol air adhart an-uiridh ach chaidh an cur dheth air sgàth droch aimsir.
Bidh a' choinneamh èiginneach aig Ionad Chladach Chirceaboist aig 19:30 oidhche Mhàirt an 28mh dhen Fhaoilleach.
Tha còir aig na geamaichean a bhith ann am-bliadhna Dihaoine an 18mh dhen Iuchar.